SIANTAN | ELEMENTAL – Meg Rodger + Peter Ferguson

Saturday 14 January - Saturday 25 February 2017
Taigh Chearsabhagh Museum & Arts Centre, Galleries 1 & 2
Free


 

Elemental is a creative exploration by local artists Peter Ferguson and Meg Rodger of their relationship with the wind and weather of the Hebrides.

Peter Ferguson - Skyscape V (2016, Oil)

Peter Ferguson – Skyscape VIII (2016, Oil)

Wind Works in progress - Meg Rodger

Wind Works in progress – Meg Rodger

Meg Rodger – Wind Works

 

At 57° North and exposed to the Atlantic, the elemental forces of wind and weather define life in the Hebrides.

Elemental is a creative exploration by local artists Peter Ferguson and Meg Rodger of their relationship with these atmospheric qualities.

Both artists are recent graduates from the Lews Castle College UHI BA Fine Arts programme, based at Taigh Chearsabhagh and Moray College.

‘S e taisbeanadh cruthachail leis an luchd-ealain ionadail Peter Fearghasdan agus Meg Rodger a th’ ann an Elemental is iad a’ rannsachadh an dàimh eadar gaoth is sìde nan Eilean an Iar.

 

Tha neart na gaoithe is na sìde a’ toirt buaidh mhòr air beatha anns na h-Eileanan an Iar is iad suidhichte aig 57° Tuath agus an cois a’ Chuain Siar.

 

‘S e sgrùdadh cruthachail a th’ ann an Elemental leis an luchd-ealain ionadail Peter Fearghasdan agus Meg Rodger is iad a’ rannsachadh a’ cheangail eatarra fhèin agus feartan na sìde.

 

Tha an dithis luchd-ealain air ceumnachadh o chionn ghoirid tro Cholaiste a’ Chaisteil UHI air a’ phrògram BA Na h-Ealain stèidhichte aig Taigh Chearsabhagh agus Colaiste Mhoireibh.

Peter Ferguson – Reading the Air

From my kitchen window, I look over the machair to one of Uist’s exhaustingly long horizons, bounding the deep sky.

Here is a series of paintings of that sky. Small cross-sections, using an aerial perspective. Escapes into the dynamic chaos of clouds: masses without shape, forms without edges. The horizon becomes uncertain: waves become clouds, clouds become ocean. The viewer is folded into their churn.

Also included a more earthbound series of ink drawings, taking a more microscopic look at what lies beneath.

Peter Fearghasdan – Leughadh na h-Iarmailt / Reading the Air

Bidh mi a’ coimhead tro uinneag a’ chidsin agam thar na machrach air fàire fharsaing Uibhisteach agus air crìoch na h-iarmailt domhainn.

Seo agaibh sreath dhealbhan peanta stèidhichte air an iarmailt sin. Earrainnean beaga, bho shealladh an adhair. Teicheadh a dh’ionnsaigh buaireadh nan sgòthan: susbaint gun chumadh, cruthan gun chrìochan. Fàsaidh an fhàire mì-chinnteach; thèid tuinn nan sgòthan, thèid sgòthan nan cuantan. Tha an neach-coimhid ga fhilleadh sa chrannachan.

Tha sreath dhealbhan inc stèidhichte air an talamh ann cuideachd, a tha a’ sgrùdadh na tha ri lorg fon talamh.

 

 

Meg Rodger – Wind Works

To dwell in the Hebrides, where the forces and cycles of nature are extreme, is both inspiring and humbling. Nature here is dictator, rhythm setter and provider – despite our technological advancements.

The series Wind Works is a collaboration between the wind and myself.

Each work has been created by an interaction between the wind, pen paper and a simple apparatus. As the ‘artist’, I make the decision with regards to the point at which the drawing is aesthetically complete. Different wind strengths and directions generate a variety of marks, sometimes I add a weight or sail to explore where this might take the pen or what mark it might generate.

The backdrop to this process is the rhythm of the shipping forecast, always reliable and dependable, a life-line for anyone making a living from the sea. The title of each work is, therefore, the shipping forecast relating to the day on which the drawing was made.

Meg Rodger – Obair na Gaoithe / Wind Works

Tha beatha anns na h-eileanan, far a bheil neart is cuairtean nàdair, gad fhàgail an dà chuid air do bhrosnachadh agus air d’ irioslachadh. ‘S e nàdar a stiùireas, a stèidhicheas ruitheam agus a sholaraicheas – a dh’aindeoin a h-uile ceum adhartach teicneolach a ghabhas sinn.

‘S e co-obrachadh eadar mi fhèin agus a’ ghaoth a th’ anns an t-sreath Obair na Gaoithe.

Chaidh gach pìos obrach a chruthachadh tro chom-pàirteachadh eadar a’ ghaoth, peann, pàipear agus uidheam sìmplidh. Mar ‘an neach-ealain’, nì mi fhèin co-dhùnadh air cuin a tha an dealbh coileanta gu h-ealanta. Bidh neart is àird na gaoithe a’ cruthachadh caochladh chomharran, cuiridh mi cuideam no seòl ris uaireannan gus am faigh mi a-mach càit an tèid am peann no dè an comharra a thig às.

‘S e ruitheam a’ shipping forecast a tha daonnan earbsach a tha air cùl an dòigh-obrach seo air a bheil a h-uile duine an eisimeil a tha a’ faotainn a bheò-shlàint às a’ mhuir. ‘S e tiotal gach pìos-obrach ma-thà a’ shipping forecast a chaidh a sgaoileadh air an leatha a rinneadh an dealbh.

Meg Rodger Blog 

Both artists will be developing work through an ongoing residency during the exhibition.

Bidh an luchd-ealain an sàs nan cuid obrach tron taisbeanadh.

 

A series of free public events will support the exhibition:

Thursday 26 January 7pm – Last Thursdays Poetry Evening – An evening of weather related poetry and stories with Ian Stephen and Pauline Prior-Pitt.

Thursday 9 February 7pm – Climate of the Outer Hebrides – Dr Eddie Graham (meteorologist)

Wednesday 15 February – Artist Guided Gallery and Work in Progress Tour. Both artists will give an insight into their inspirations and working practices. Free. All welcome

 

Bidh sreath de thachartasan poblach an-asgaidh ann an lùib an taisbeanaidh:

Diardaoin 26 Faoilleach 7.00 feasgar – Oidhche Bàrdachd – Oidhche làn bàrdachd is sgeulachdan mun t-sìde cuide ri Ian Stephen agus Pauline Prior-Pitt.

Diardaoin 9 Gearran 7.00 feasgar – Sìde nan Eileanan an Iar – Dr Eddie Greumach (eòlaiche-sìde)