Chaidh na nithean a chì thu an seo san taisbeanadh a thaghadh le clann ann an clasaichean 5, 6 agus 7 ann an Sgoil Uibhist a Tuath. Chaidh an taghadh an dèidh mòran smaoineachaidh orra mar na nithean a tha cudromach dhaibh an-dràsta agus a dh’innseas sgeul mu bheatha na cloinne anns an eilean.
Tha cuid de na nithean ann mar thoradh air na cur-seachadan aca agus cuid a’ buntainn do chloinn ann an teaghlaichean a tha an sàs ann an croitearachd.
Ach tha aon rud ann a tha cumanta eatarra. Tha a’ chlann den bharail nach bi àite ann airson nan nithean ann am beatha pàiste an ceann 30 bliadhna anns a’ bhliadhna 2048.
A bharrachd air a bhith a’ smaoineachadh air nithean fa leth, chaidh dà bhuidheann de chloinn beagan nas fhaide le an cuid meòrachaidh. Bha iad a’ beachdachadh air dà chuspair a dh’fhaodadh a bhith uabhasach diofraichte, nam beachd fhèin sa bhliadhna 2048.
B’ e na cuspairean seo
:
- Rinn iad coimeasan inntinneach an seo agus bha spòrs aca a’ beachdachadh air àm anns nach biodh togalaichean sgoile.
- Bheachdaich iad cuideachd air cor an t-saoghail ann an 2048, (‘s e buidheann Armageddon a chuir sinn air a’ bhuidhinn seo!)
Tha sinn an dòchas gun còrd an taisbeanadh againn riut agus gun toir e ort smaoineachadh mun bheachd agad fhèin air cor an t-saoghail an ceann 30 bliadhna.
————————————–
——————————————————————————————————————————–
The items which you can see in the exhibition have been selected by the children of P5,6 and 7 at Sgoil Uibhist a Tuath. They were chosen with much thought and care as being things which are important to them now, and which help reflect their lives on the island.
Many of the items reflect their leisure time activities, some however relate to the lives they lead as children of Crofting families.
They all however, have one thing in common. They are all items which the children believe, will have little or no place in a child’s life in 30 years’ time when we reach the year 2048.
As well as focussing on individual items, 2 groups of children ranged much further in their thinking. They considered two areas of life which in 2048 might, in their opinion, be
radically different.
These areas were:
- Here they made some interesting comparisons and had fun projecting a future without school buildings.
- They also considered the state of the world in 2048, (we called this group the Armageddon group!)
We hope you find our exhibition interesting and are challenged to think about your own view of the world in 30 years’ time.
This is part of the Las/Ignite Festival as a partnership with An Lanntair Stornoway Isle of Lewis. The project has been funded by Visit Scotland.
Thank you to Oigridh Comann Eachdraidh Uist a Tuath
#YOYP2018
The exhibition also features a black board where viewers can add their own thoughts about what the world might be like in 2048 – there have been some great contributions so far!
The Exhibition will be on from 3rd August – 27th October