Chanainn gun robh an t-seachdain-sa rud beag na bu sàmhaiche ‘s na b’ fhoiseile na a’ chiad tè, ach chan e droch-thachartas a tha sin idir. An toiseach fhuair mi cothrom sùil a thoirt air filmeadh a bha a’ dol an seo aig Taigh Chearsabhagh airson prògram BBC Alba, feuch an ionnsaichinn rudeigin. Ar leam gun do dh’ionnsaich, an dà chuid mu fhilmeadh agus, le bhith ag èisteachd ris an fheadhainn a bh’ air beulaibh a’ chamara, mu thrusadh beul-aithris air Ghàidhealtachd. Cha chan mi an corr an-dràsta, ach feuch gum bi sibh nur faicill ach am mothaich sibh do bhallachan glana TC ann am prògram inntinneach Gàidhlig…
A thuilleadh air sin, chaith mi a’ mhòr-chuid de na h-uairean-obrach a’ deasachadh pròiseact ioma-mheadhanach mun Iolaire, a bhios a’ triall mun cuairt Leòdhais ‘s nan eileanan gu lèir sna mìosan ri teachd. Na chois dh’èist mi ri clàraidhean le daoine a bha thall ‘s a chunnaic, mar ri feadhainn eile a thàinig beò tron tubaist fhèin. Mus tàinig mi a-nall a dh’Uibhist chuala mi iomraidhean an siud ‘s an seo air a’ bhàta is mar a dh’èirich dha, agus gu dearbh chuala mi òrain a leithid Reubadh an Iolaire, ach leis na bha sin de dh’fhiosrachadh a-mhàin, bha e daonnan a’ faireachdainn car staoin, fad-às is aon-fhillte. Cha tug na mion-luaidhean bha sin buaidh orm a-riamh. Ach tha na chuala mi an cois na h-obrach seo a-nis air beantainn rium gu mòr. Chunnaic mi na h-aodainnean, chuala mi an guthan fhèin, ach tha mi cuideachd am beachd gum b’ e bh’ ann an seo, gu ìre, ach buil an àite-chòmhnaidh ùir agam. Tha cùisean gu tur eadar-dhealaichte nuair a tha thu fhèin am measg na h-àraineachd, nam bailtean ‘s na muinntreach, a b’ eòl don fheadhainn a chaochail agus dhan tug iad gaol. Mheòraich mi air mar a b’ iad na h-aon daoine, ann an dòigh, a bha a’ dèanamh òran a’ moladh an eilein aca fhèin nuair bha iad sa chogadh, ‘s a bha a’ bàthadh ach slatan bho chladach an dearbh eilein sin. Gnothach sgrathail tiamhaidh a bh’ ann, co-dhiù.
Gus aghaidh a chur air rud nas aotruime, innsidh mi dhuibh gum b’ e mo cho-latha-breith a bh’ ann air an 25mh den Lùnastal. Chòrd e rium agus leis gun robh a’ ghrian a’ sgoltadh nan creag chaidh mi fhìn is triùir eile a-mach a choiseachd fad uairean mu Udal is air Tràigh Shiar. Thachair sinn air cnàimh-droma muice-mara (le mìrean feòla fhathast a’ crochadh oirre!), agus sin am measg sheallaidhean àlainn eile. ‘S cinnteach gum b’ e sin an tìodhlac a b’ fheàrr a b’ urrainn dhomh fhaighinn! Ach nuair a bha sinn a’ tilleadh air n-ais chun a’ chàr, bhuail e nar n-inntinn gun robh am muir-làn air tighinn is nach fhaigheamaid idir thairis an taobh a thàinig sinn. Bha sinn a’ feuchainn ri misneach a chumail ri càch a chèile mus tòisicheamaid air an astar fhada bha romhainn nuair a nochd truca pick-up air an tràigh. Stad iad is bha iad cho fialaidh ‘s gun tug iad lioft dhuinn suas chun a’ chàr ann an Greinetobht. Fhuair aoigheachd nan Gàidheal àrd-mholadh mus do rinn mi an imrich, is aidichidh mi nach d’ fhuair mi briseadh-dùil dha thaobh sin fhathast. Ged is toigh leinne, na Canadaich, a bhith cumail a-mach gur sinne an sluagh as coibhneile air an t-saoghal, saoileam gun cumadh na h-eileanaich teann-fharpais rinn.
Gus an ath-phost!