Home > Bloga > Dìgean is Sìthichean

Dìgean is Sìthichean

Chuir mi eòlas air tuilleadh dhen eilean air an t-seachdain-sa, leis gun tug mi sgrìob fhada air an rothair a-null a Loch Portain air DiCiadain, is an uair sin air DiHaoine chaidh mi a-mach air Loch Euphort ann an canù. Bha òrain a’ sìor-bhualadh nam chlaigeann fad an t-siubhail san dà àite, m.e. Rathad Ùr Loch Portain agus Moladh Eubhal is ‘Ille Dhuinn ‘S Toigh Leam Thu. Bha e iongantach a bhith sna h-àiteachan sin ‘s a bhith a’ faicinn nan seallaidhean a dh’ainmichear sna h-òrain, seach mar a bha an uair a chunnaic mi canach airson a’ chiad turas, an dèidh bhliadhnachan a’ cluinntinn mu ghile canach an t-slèibhe. B’ fheàrr leam nam b’ urrainn dhomh a ràdh (‘s a bhith fìrinneach!) gun tug i buaidh mhòr bhàrdail orm, ach chan ann mar sin a bha. Ged a thuig mi gu grad ciamar a bhiodh Eubhal ‘s a h-àrainneachd eireachdail a’ brosnachadh bhàrd gu bàrdachd, cha robh an canach cho geal neo cho bòidheach ‘s a tha iomadh rud eile. Ach theagamh gun deach mo chlaonadh leis a’ bhuachar is an òtrach a bha measgaichte a-staigh ‘s a’ stialladh na chunna mi dhith!

Dealbh le Iain A. Monk

Ach airson faighinn cuidhte ‘s an sguideilearachd a lìon toiseach mo bhloga ùir seo, canaidh mi gu bheil mi a’ leughadh mu dheidhinn fionnsgeulan is seann-chreideamh nan Gàidheal mun t-saoghal seo is mun t-saoghal eile. Gu h-àraid sgeulachdan is cunntasan air na daoine-sìdhe, mar ri sgrùdaidhean acadamaigeach orra sin is beachdan air tùs creideamh nan sìdhichean. Aig amannan, tha e coltach, bha e na innleachd choitchinn do choimhearsnachdan Gàidhealach a leigeadh leotha dèiligeadh ri cuspairean uabhasach duilich anns na làithean ro shochairean is seirbheisean na stàite modraine. ‘S tric a bhios eòlaichean a tha den bheachd ud, mar sin, a’ tarraing sgeulan is thachartasan fòirneartach, pianail neo uamhraidh à sgeulachdan nan sìdhichean, agus iad air an rùsgadh den cuid os-nàdarrais. Ge brith dè cho inntinneach ‘s a tha sin, cha mhath dhomh a bhith gan leughadh an teis-meadhan na h-oidhche nuair nach cluinn mi ach tiughad an dorchadais agus a’ ghaoth ri sgailceadh ‘s a’ comhartaich mun taigh. Tha e doirbh an leabaidh a ruigheachd ‘s tu air do chorra-bhiod a’ fulang fo chraiceann-circe. Ach biodh sin mar a bhitheas e, tha mi cinnteach gum bi mi gan leughadh a-nochd fhathast, le leabhar is crith nam làmhan. Tha mi an dùil ‘s an dòchas gun tig film neo pròiseact air choreigin asta! Tha mi gan cnàmh mar-thà.

San eadar-àm, bidh mi a’ feuchainn ri na dìgean ‘s na bòcain a tha a’ còmhnaidh annta a sheachnadh fhad ‘s a bhios mi a’ dol mun cuairt air an rothair. Gus an ath-phost, mura beir iad orm!

 

 

Image Credit: Iain A Monk