Home > Bloga > Filmean is Cànanan

Filmean is Cànanan

An t-seachdain-sa lean mi orm ag obair air a’ phròiseact-bhideo mun Iolaire. Ach chaidh an obair ud a bhreacadh ‘s a phàirteachadh le beagan tachartasan a chum sinn aig Taigh Chearsabhagh. An toiseach bha an taisbeanadh sònraichte den fhilm Pikadero. Chòrd e rium glan. Bha am film air fad a’ dol air adhart air a shocair, car slaodach, ach chan ann ro shlaodach idir. Bha tonnan beaga àbhachdais a’ lìonadh ‘s a’ tràghadh tron sgeulachd cuideachd—ged a bha i fhèin car dubhach san fharsaingeachd—gus am brùchdadh iad a-steach aig amannan àraid. Cuide ri sin, b’ fhìor-thoigh leam an astataig. Bha a h-uile dad seargte, crìon neo sgàinte is bha an solas drùidhte. Mholainn dhuibh uile fhaicinn, ma gheibh sibh an cothrom.

An dèidh an taisbeanaidh, bha còmhradh gu math inntinneach againn leis an stiùiriche Ben Sharrock agus le fear an fhilm-dhealbhaireachd. Chuala sinn dè bha fa-near dhaibh ann a bhith a’ dèanamh an fhilme, agus beagan mu phròiseas a dhèanaimh cuideachd. Bhruidhinn sinn mu dheireadh air cànan an fhilme, Basgais, agus na h-adhbharan a bh’ aig Ben airson am film a dhealbhadh ann am mion-chànan, leis gum faigheadh e èisteachd tòrr na bu mhotha nan deach a chruthachadh ann an Spàinntis neo a leithid. Thuirt e gun robh e a’ fuireach an dùthaich nam Basgach, tha a bhràmair na bana-bhasgach, agus gun robh e a-mach air cùisean is suidheachaidhean san fhilm a bha, gu ìre, sònraichte do dhùthaich nam Basgach. Cha ghabhadh iad a shealltainn mar bu chòir ann an suidheachadh neo cànan eile, is mar sin a bha e nàdarra a bhith a’ cumail a h-uile dad anns a’ Bhasgais. Cha robh an dàrna smuain aige riamh air. Ar leam gu bheil ceangal aig a’ mhìneachadh seo ris an làn-fhilm a th’ againne sa Ghàidhlig, Seachd. Cha mhotha ghabhadh an stòiridh ud a chur an cèill gu nàdarra ann an cànan eile. Tha e a’ buntainn air seòl àraid ri dualchas is staid nan Gàidheal is na Gàidhlig. Bu mhath leam tuilleadh dhe sheòrsa fhaicinn.

Gun chomas aca air imrich à taigh am pàrantan leis an èiginn eaconomaigich sa bheil an Spàinn, tha e duilich do chàraid òg an dàimh a thoirt gu buil. Mar as èiginniche a dh’fhàsas an gnothach dhaibh, agus gun airgead a phàigheadh prìs an taigh-òsta, ’s ann a thig orra bhith a’ lorg àiteachan poblach is ionadail a chleachdar airson feise. ‘S e pikaderos a chanar riutha sin. Ach chan eil cùisean riamh furasta dhaibh, agus chan fhada gus an cuirear an dàimh eatorra gu dùbhlan is iad a’ feuchainn ri faighinn cuidhte ’s cuingeal na h-eaconomaidh crìne.

Air DiHaoine bha cur-air-bhog taisbeanadh na cloinne a tha an-dràsta ri fhaicinn sa ghaileiridh againn: A’ Cruinneachadh airson 2048. Bha an atmosphere diofraichte ris an àbhaist, le clann a bhith a’ ruideas nan deann-ruith air feadh an àite, ach bha e beòthail is spòrsail. A bharrachd air sin, thug an tachartas cothrom dhomh mo leòr ithe de chriospaichean is chnòthan. Cuiridh mise luach mòr ann an sin! Co-dhiù, bha e math is ùidheachail a’ bhith a’ faicinn na tha cudromach do chlann an eilein san latha an-diugh, is mar a tha iad a’ faireachdainn mun àm ri teachd. Feuch nach caill sibh fhèin e, fhad ‘s a tha e ri fhaighinn an seo. Agus ma thachras gun tig sibh a-steach, feuch gun can sibh hello rium! Tha mi daonnan ro dheònach a bhith a’ cabadaich, gu h-àraidh mas ann sa Ghàidhlig a tha i.

Gus an ath-phost!