Caraid is Cabhsair

‘S cinnteach gum b’ e Ciaradh na h-Oidhche, leth-dhealbh-chluich is leth-chèilidh san t-seann nòs, gràinne-mullaich na dà sheachdaine chaidh seachad. Chaidh a chur air dòigh mar phàirt de Bhlas, is chaidh mi suas thar a’ chabhsair ga fhaicinn ann an Talla Naomh Pheadair air oidhche Luain. Bha e aighearach, togarrach is èibhinn, agus cha bu mhisde an t-àbhachdas na dileagan uisge-bheatha chaidh a roinn am measg an luchd-èisteachd! Còmhla ri sin, bha na h-òrain ‘s na fuinn air leth math is bha na rudan milis lìonmhor is blasta. Tha mi fhathast a’ feuchainn ri faighinn a-steach air an t-saoghal Ghàidhealach san eilean tha seo, is bha seo na cheum math dha thaobh sin. B’ fhiach e an dràibheadh mar sin gun teagamh sam bith, agus b’ fheàrr leam gum biodh a leithid ann a h-uile oidhche Luain. Saoileam gum meudaicheadh sin mo dhìcheallachd, leis nach biodh tinneas nam mondays orm tuilleadh. An da-rìreadh ge-tà, ‘s e cothroman a dhol gu tachartasan mar sin ‘s a bhith air mo bhogadh ann an suidheachaidhean Gàidhealach as motha a thàlaidh mi dha na h-eileanan seo an toiseach. Agus air a sgàth sin, b’ fhiach an turas ud cuideachd, ged a bha e na bu mhotha fhathast.

A bharrachd, cha robh mòran ùr a’ dol aig an obair. Ach bha sinn a’ deasachadh airson HIFF – Fèis-fhilme Eadar-nàiseanta nan Innse Gall. Bha caochladh taisbeanaidhean fhilmichean rim faicinn air feadh Uibhist air an deireadh-sheachdain eadar an 21mh – 23mh den mhìos seo fhèin, is bha fìor eugsamhlachd inntinneach nam measg. B’ e an gearr-fhiolm mu fhionn-sgeul partain mhòir (Crabe Phare) a bu mhotha a chòrd rium de sheòrsa-sa. Bha e dìreach sgoinneil fhèin, a thaobh an dealbhaidh ‘s na sgeulachd maraon. Am measg nan làn-fhiolmaichan, b’ fheàrr leam “Balach-neòil.” Lean e balach òg a dh’fhàg am baile mòr dha aindeoin airson fuireach còmhla ri mhàthair fhèin ‘s an teaghlach ùr aice ann an dùthaich nan Saamach. Mholainn dhuibh uile an dà chuid fhaicinn, ma thèid agaibh air.

Mu dheireadh, ged a bha iomagain orm nach seòladh am bàt’-aiseig idir, thàinig caraid à Canada a chèilidh orm an t-seachdain-sa chaidh. Dh’fhan e fad chòig làithean. Abair thus gun robh iad trang, is sinn a’ siolpadh suas is sìos air feadh Uibhist is Bheinn nam Fadhla. Choisich sinn tràigh neo dhà, thug sinn sùil air dùn neo dhà, thadhail sinn air Cladh Hallainn, is ràinig sinn Èirisgeidh mu àm dol fodha na grèine air latha air choreigin. Thog sinn srùbain (mo ghaol orra!), is thug mi air mo charaid beagan dhiubh ithe aig a’ cheann thall, ged nach eil e ro thìtheach air maorach. Thuirt e nach robh iad cho grod ‘s a bha e an dùil. Siud an rud ris an canainn-sa adhartas, co-dhiù.

Seo mo dhòchas gun till mi thugaibh an ceann seachdaine le sgeul adhartais eile!