Nach fhada on a sgrìobh mi an seo! Tha mi duilich mun a sin, ach tha leisgeul math agam. Air no, tha mise a’ smaointinn gu bheil. Ged as ann o chionn còrr is dà mhìos a dh’fhoillsich mi am bloga mu dheireadh, bha mi an sàs ann an sgioba na fuaime air an fhilmeadh a bha a’ dol anns an eilean fad mìosa gu leth co-dhiù. Agus na dhèidh sin bha mi a’ greasad orm leis an obair àbhaistich agam, gus nach bithinn tuilleadh cho fada air dheireadh.
Ach leis nach robh dad a dh’fhiosrachadh agam air na bha romham nuair a thòisich mi air gnothach an fhilme, aidichidh mi gun robh mi an toiseach car nam bhreislich air an t-seata, is mi cho aineolach mun chùis ri eilid nam beann. B’ e làithean fada tranga a bh’ againn fad an t-siubhail, is cha b’ eisgeachd a’ chiad fhear! Ach mean air mhean dh’fhàs mi eòlach air an obair is dleastanasan na dreuchd agam fhìn, agus mun do dh’èigheadh an WRAP! deireannach bha i a’ fìor-chòrdadh rium. Dh’fhairicheadh tu an càirdeas a thig le bhith ag obair còmhla gu cruaidh – gu h-àraid a-muigh fo na seachd siantan as dual do dh’Uibhist. Cluinnidh tu rud beag mun obair ‘s na dùbhlain sa bhideo a gheibhear tron cheangal seo. Ach b’ e rud a thog mo chridhe-sa, ged nach tug mi luaidh an uair sin air, ach gun tàinig an stiùiriche thugam air an latha mu dheireadh den fhilmeadh a dh’iarraidh orm beagan òran Gàidhlig a sheinn ‘s a chlàradh dhaibh, air eagal ‘s gum biodh iad airson fear dhiubh a chleachdadh san fhilm. Cha chreid mi gun tachair sin (is dòcha gum b’ fheàrr leis an luchd-deasachaidh seinneadair a chumadh air ghleus!), ach a dh’aindeoin sin bha e iongantach an cothrom a bhith agam. Bha an t-eagal orm roimhe sin nach robh mi ach a’ cur an sgioba drol lem chuid seinne, is mi a’ togail òran gun stad. Mar as àbhaist.
Agus rud eile a chòrd rium b’ e a bhith a’ forfhais ‘s a’ cluinntinn nam beachdan a bh’ aig na co-obraichean dhomh air an eilean. Bha a’ mhòr-chuid dhiubh ga mholadh airson a mhaise is cho àraid ‘s a tha e. Ach bha e coltach gun robh cuid dhiubh ag ionndrainn goireasan boillsgeach a’ bhaile mhòir gu trom. Bitheadh sin mar a bhitheas e, tha mi cinnteach nach tèid na dh’fhiosraich iad san eilean air dìochuimhne gu luath!
Air taobh a-muigh na h-obrach, bha beagan seachdainean sgoinneil againn air feadh Uibhist le Às an Tobar, an fhèill-leabhraichean. Bha tachartasan gu leòr ann an Gàidhlig is Beurla a’ dol, is an cuspairean air iomadh seòrsa ealain – litreachas, ceòl, òrain, is ealain lèirsinneach. Ma thilleas an fhèill an ath-bhliadhna, dèanaibh cinnteach nach caill sibh i! Agus bidh sinne aig Taigh Chearsabhagh a’ leantainn oirnn san Dùbhlachd le Fèis Dùbhlachd – rudeigin a chumas feadan nad phluic rè mìosan dorcha a’ gheamhraidh. Mar thoiseach tòiseachaidh, bidh Fèis nan Solas a’ dol air an 15mh den mhìos seo fhèin. Cruinnichidh sinn aig Taigh Chearsabhagh, is thèid sinn an uair sin a-null a Langais airson taisbeanaidh shònraichte bhios freagarrach don chloinn cuideachd. Chì sinn ann sibh!