Tha Ami Robb a’ toirt sùil air an taisbeanadh a th’ aig Gill Russell ann an Taigh Chearsabhagh an-dràsta.
An Iar-dheas ’s a Bhith Deas | South West by South
An t-Eilean Fada, The Long Island: A Poetic Cartography
Anns an taisbeanadh seo, tha an tè-ealain, Gill Russell, a’ stiùireadh tron chàirdeas a th’ againn ris a’ mhuir agus ri dualchas na mara sna h-Eileanan A-muigh. Agus e air a chruthachadh do Thaigh Chearsabhagh agus don Lanntair ann an Steòrnabhagh, tha an stàladh seo anns a bheil obair-chlò air sgèile mòr, clàraidhean de stuth-claisneachd, obair-tharraing vinyl air ballachan agus clàran-dùthcha a’ bualadh air eachdraidh, cruinn-eòlas, ainmean-àite agus air lìonadh is tràghadh. Thuirt Russell gun robh i ag iarraidh àite-taisbeanaidh beag sgiobalta a chumail agus mar sin dheth tha na mìrean ann gun bhileagan le mìneachaidhean fada nan cois; an àite sin tha còdan QR gan toirt leis an tè-ealain a’ sgrìobhadh gu coileanta mu gach mòr ann an stiùireadh an taisbeanaidh aice.
Tha an ceangal dlùth eadar a’ mhuir, an tìr, agus an solas ann an ceann iar-thuath na h-Alba, agus gu h-àraidh anns na h-Eileanan Siar air drùdhadh orm bho làithean m’ òige. Ged a dh’fhairich mi ceangal gu math domhainn ris an àite agus air cho mòr agus a spreag e an obair agam, thàinig e thugam gum bithinn gu sìorraidh nam neach-turais, nam neach-coimhid, air neo an taobh a-muigh cultair stèidhichte agus a’ coimhead a-steach. Bha e cudromach ceanglaichean a dhèanamh
Gill Russell
‘S iad na ceanglaichean seo a dh’fhairicheas mi a bhith mar sgal-creige ann an bhith ag iarraidh air an neach-choimhid ceangal a dhèanamh ris an t-saothair agus leis na modhan air an ainmeachadh mar-thà. Tha saothair Russell a’ gabhail beachd uair is uair air cuideam seo nan ceanglaichean: anns a’ chlàradh ‘Caolas na Hearadh’ cluinnidh sinn maraiche ionadail, Dòmhnall MacIlleathain à Beàrnaraigh a’ cuimhneachadh mar a bhiodh comharraidhean-tìre gan cleachdadh gus seòladh; a’ seachnadh nan creag a bha na dhuilgheadas gu follaiseach nuair nach robh an lèirsinn gu math agus cuideachd ri làn àrd nuair a bhiodh na creagan fon uisge agus anabarrach cunnartach.
Tha ceanglaichean Russell a’ sìneadh ri Sgoil Eòlais na h-Alba, far an deach, mar fhreagairt air sgeulachdan anns a’ chruinneachadh aca, Tobar an Dualchais, ‘Seanchas na Mara’, obair-tharraing dhigiteach a dhèanamh, agus a chur an clò air sgèile mòr a tha ann gus faireachdainn cion lèirsinneachd aig muir a shamhlachadh. Thathar air earrannan às na sgeulachdan seo a thaghadh cuideachd agus cho math ris an obair-tharraing, tha iad rim faotainn rin ceannach bho bhùth Thaigh Chearsabhagh mar leabhar neach-ealain, ‘A Seer Saw a Full Rigged Ship’. Faodar còid QR gan taisbeanadh a sganadh a bheir gu dìreach thuig na na h-agallamhan iad fhèin thu. Is e am mìr as cumhachdaiche agus is tiamhaidhe nam bheachd ‘Soithichean air Chall.’, na dàin lèirsinneach mun iomadh beatha agus luchd a chailleadh aig muir, gu sònraichte faisg air Heisgeir agus Hiort. Tha cho cudromach agus a tha ceanglaichean ga dhaingneachadh le Russell agus i a’ mìneachadh:
Dh’èist mi ris na sgeulachdan à Tobar an Dualchais agus leugh mi na tuairisgeulan le feadhainn a chunnaic soithichean gam briseadh ann an tràchdas Màiri Laing mu Heisgeir. Dh’innis Catrìona Laing seanchas dhomh mu fhear a b’ aithne dhi, a bha air seasamh a-muigh air an rubha ann an Taigh a’ Ghearraidh, Uibhist a Tuath, a’ coimhead air long a’ dol fodha san fhlinne agus san stoirm agus na siùil aice air an reubadh. An là a thadhail sinn air an rubha sin, bha stoirmean ann. Choisich sinn dhan rubha far an robh am fear a’ coimhead, agus bha e soirbh ìomhaigh a dhèanamh dheth.
Gill Russell
Chaidh a liuthad cheanglaichean a dhèanamh ann a bhith a’ cruthachadh na h-obrach seo, chan ann dìreach le muinntir an àite, le rannsachadh is clàradh a chaidh a dhèanamh roimhe ach cuideachd, mar a thathar air iomradh gu h-àrd, le muir is tìr. Tha saidhbhreas is ìre an rannsachaidh a tha mar bhunait ris an taisbeanadh annasach fhèin agus tha e a’ leigeil fhaicinn na ghabhas toirt gu buil le bhith a’ dèanamh nan ceanglaichean cumhachdach seo air am bi Russell a’ bruidhinn agus a tha i a’ meas a bhith deatamach dhan t-saothair aice. Tha mi dìreach an dòchas gum bi an fheadhainn a thadhlas air an taisbeanadh deònach sealltainn a-rithist, na sreathan gu lèir a nochdadh, agus an cuid cheanglaichean fhèin a chruthachadh ann a bhith ga dhèanamh. Nas doimhne na taisbeanadh a tha an crochadh air a’ chuid as motha air a’ bhuaidh lèirsinnich, tha luach-saothrach dhan neach-choimhid airson ùine a thoirt ceangal ris an obair seo agus beachd a ghabhail oirre: cho cumhachdach ri ataireachd a’ chuain fhèin.
Tha An Iar-dheas is a bhith Deas fosgailte gu ruige 23 Dàmhair, Diluain gu Disathairne 10m gu 4f ait Taigh-tasgaidh is Ionad-ealain Thaigh Chearsabhagh.
A bheil thu ag iarraidh na beachdan agad a chur thugainn, no beachdachadh air taisbeanadh a chunnaic thu aig Taigh Chearsabhagh? Nach innis thu dhuinn mu dheidhinn an seo!