Home > Uncategorised > Coinneachadh is còmhradh

Photo of Amanda and Carol from the North East Photography Network, with Nicola standing in between.

Coinneachadh is còmhradh

Inbhir Nis

’S e pàirt den phlana leasachaidh airson an Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an t-Seòmair Dhorcha aig Taigh Chearsabhagh, a bhith a’ togail cheanglaichean agus a dhol an lùib lìonra de bhuidhnean eile coltach rin fhèin.  Tha mi air a bhith trang a’ togail lìonra…

Choinnich mi ri Matt Sillars bho Inverness Darkroom.

Thug e air chuairt mi timcheall goireasan mhìorbhaileach – nach buidhe do dh’Inbhir Nis. Leanaidh sinn leis a’ chòmhradh agus dh’fhaodadh gun tig bùthan-obrach às, no ’s dòcha iomlaid?  Bidh e a’ ruith sheiseanan pasgain-obrach air Zoom a tha a’ coimhead fìor mhath agus ’s dòcha gum faodadh buill Thaigh Chearsabhaigh a dhol an sàs an sin.

Dealbh air Matt bhon Inverness Darkroom.

Fhad ’s a bha mi ann an Inbhir Nis, chaidh mi cuideachd a thadhal air an Highland Print Studio.  Thug John, Alison agus Jan fìor chuairt dhomh timcheall an togalaich iongantach seo, air a dheagh ullachadh agus uidheamaichte – mur a robh sibh ann roimhe, bu chòir tadhal!  Suidheachadh sgoinneil cuideachd.  Bhruidhinn sinn air na dòighean ür-ghnàthach a chleachd Highland Print airson maireachdainn tro àm Chovid.  Cumaidh mi orm a’ bruidhinn ri Highland Print gus feuchainn dòighean a lorg airson ceangal ri chèile agus ’s dòcha beachdan air phròiseactan a roinn eatarainn.

Dealbh air Jan, Alison agus John bhon Highland Printroom.

Caisteal Nuadh agus Sunderland 

Chuir mise seachad 3 bliadhna ag obair nam bhall aig Northern Print ann an Caisteal Nuadh, a’ gabhail a-steach ruith corra bhùth-obrach.

Tha an stiùideo seo, coltach ri Highland Print, air a dheagh chur air dòigh, le taic-airgid, agus a’ faighinn deagh bhallrachd an làthair ann.  Bha e laghach glacadh suas le Anna, Rebecca agus Helen.  Dh’aontaich sin fios a chumail ri càch a chèile.

Dealbh air Rebecca bho Northern Print agus Nicola.
Dealbh air Nicola agus air Anna bho Northern Print.

Bhruidhinn mi ri Amanda agus Carol bho ‘North East Photography Network’ (NEPN) – buidheann eile aig a bheil ùidh coimhead ri dòighean conaltraidh agus beachdan air iomlaidean airson mhuinntireis. 

Dealbh air Amanda agus Carol bhon North East Photography Network.

Tha dol a-mach an t-Stiùideo agus an t-Seòmair Dhorcha cuideachd air nochdadh sa phàipear ionadail ‘Am Pàipear’.

Dealbh air an artaigail bho Am Pàipear.

Còir-deilbh: Nicola Neate, 2022