Home > Uncategorised > Slighe bho Sgrios gu Snas!

Collection of photos of the Print Room equipment

Slighe bho Sgrios gu Snas!

Caibideal 2: ‘Sgeadaich is maisich!

Dhuibhse a tha air bhioran dealbhan a thoirt gu ìre agus an clò-bhualadh – tha an glanadh agus sgeadachadh san t-seòmar Chlò-bhualaidh agus san t-Seòmar Dhorcha a’ tighinn air adhart!  Tha mi air a bhith trang agus tha mi a’ smaoineachadh gun cuir sibh luach air na tha air a bhith a’ tachairt – tha e tighinn ri chèile agus cha bhi sibh a’ feitheamh fada a-nis…

Ceithir dhealbhan a' sealltainn an sgioba anns na seòmraichean, a' beachdachadh air càite an gluais iad an uidheam.

Thug mi ri chèile sgioba beag deònach: Margaret, Tormod, Charlie, John K, Keith D, Simon. 

An dèidh deannan seasamh agus cnuasachadh – taing shònraichte do Thormod a chur nam chuimhne gun tuiteadh na rollairean nan toireadh sinn às a’ chlàr throm meatailt! – chuir sinn an seòmar ann an òrdugh as ùr.

Trì dealbhan a' sealltainn an sgioba a' gluasad a' chlò-bheairt.
Trì dealbhan a' sealltainn a' chlò-bheairt far an robh e roimhe agus na àite ùr ri taobh balla geal.

Chaidh a’ bheart-chlò shuas an staidhre a ghluasad gu taobh eile an t-seòmair.  Gun teagamh, chaidh an àirneis gu lèir a ghluasad – ’s urrainn dhut a-nis gluasad mun cuairt agus faighinn gu gach àite-obrach gu furasta.  Chan eil an seòmar dad nas motha – ach tha an sgioba gu lèir den bheachd gu bheil e a-nis a’ coimhead coltach ri àite obrach tarraingeach!

Tha mi a’ feitheamh air peant dubh gus dèanamh dearbhte cinnteach gu bheil an seòmar dorcha DORCHA!

Bidh tachartas fosglaidh againn airson na stiùideothan seo – cumaibh sùil air duilleag Dè tha Dol airson tuilleadh fiosrachaidh nuair a thig e.

Còir-dhealbhan: Nicola Neate, 2022