Home > Uncategorised > Caibideal 5: Am Fosgladh!

Photo of prints on paper hanging up to dry

Caibideal 5: Am Fosgladh!

Chuir mi air dòigh dà chlas goirid airson ‘blasad’ air an Stiùidio Clò-bhualaidh agus air an t-Seòmar Dorcha: thug iad seo cuideachd inntrigeadh dhan dà àite-obrach do luchd-frithealaich, an-asgaidh.

Chaidh am fosgladh airson an Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmair Dhorcha ùraichte air adhart gu math air 23 Sultain.  Bha na clasaichean tòiseachaidh cuideachd feumail airson gnothaichean fheuchainn – thàinig fiosrachadh feumail asda – a’ dèanamh deuchainn air gnìomhachd, cia mheud as urrainn obrachadh san àite aig aon àm, agus thug e cothrom dhomhsa coimhead is faicinn na stiùideothan is iad gan cleachdadh. 

Dealbh air luchd-frithealaidh ag obair san Aite-obrach Clò-bhualaidh.

Bha an tachartas soirbheachail, bha na stiùideothan goireasach, agus choileanar na toraidhean ris an robh dùil.

Cia mheud ball a ghabhas an Àite-obrach Clò-bhualaidh – 3, 4 (ga roinn)

Cia mheud ball a ghabhas an Seòmar Dorcha – 2 (gun roinn) 4 (a’ roinn na h-innealan meudachaidh) 

Taing do Rosie Blake airson an tachartas a chlàradh.

Taing do John Kippin airson a’ Bhùth-obrach Photogram a lìbhrigeadh.

Taing dhuibhse uile cuideachd a ghabh pàirt san tachartas seo!  Chaidh beachdachadh air iomadh smuain laghadh. 

Tha na h-àiteachan seo ann dhuibhse airson an cleachdadh… Mar sin, ma tha rudeigin ann a tha sibh a’ smaoineachadh a ghabhadh leasachadh, feuch gu leig sibh fios.

Ma chòrd e ribh – leigibh fhaicinn do dhaoine eile agus do Thaigh Chearsabhagh! 

Feuchaibh gu: Cuir Fios

An lùib na planaichean ri teachd:

  • Eitseachadh Copar – bùth-obrach stuthan-bleithe cruaidh agus bog – Ceathrar a-mhàin
  • Eitseachadh Sionc – bùth-obrach stuthan-bleithe cruaidh agus bog – Ceathrar a-mhàin
  • Bùth-obrach Dealbhan dubh is geal – Ceathrar a-mhàin
  • Bùth-obrach Dhealbhan le roghainnean phròiseasan eile – Ceathrar a-mhàin
  • Bùth-obrach Dealbhan-polymer – Ceathrar a-mhàin

Cumaibh sùil agus cuimhnichibh: ma tha sibh nur buill, tha na bùthan-obrach agus seiseanan uile nas saoire!

Airson tuilleadh fiosrachaidh: coimheadaibh air duilleag nan Stiùideothan an seo

Còir-deilbhe: Rosie Blake