Clò-bhualadh neo-thogsaig
Dealbhadh Cheimigeach a’ cleachdadh meadhanan acriolaig.
Dheisealaich mi an clàr copair, ga ghlanadh le measgachadh de shalainn agus fìon geur le cailc gheal na lùib.
Rolaig mi stuth-bleithe acriolaig agus bhruich mi an uair sin e (airson stuth-bleithe chruaidh a dhèanamh). Rinn mi dealbhadh air a’ chlàr le gob meatailt agus an uair sin chuir mi an clàr am bogadh ann an Ferric Chloride 1:2 le uisge.
Dh’fhag mi an clàr an sin airson leth uair agus 1 uair – bha e a’ coimhead math.
Rinn mi beagan dheuchainn leis an dùmhlaichear – a tha ga chleachdadh airson aquatint acriolaig a dhèanamh.
Tha beagan dhuilgheadasan ann leis an dùmhlaichear – bidh seo air a chur air dòigh na uair airson na modalan gan teagasg san Fhaoilleach PHEW!
LEAS-SHEÒMAR
An seòmar preasa ri taobh an t-seòmair dhorcha – tha mi mu dheireadh thall air a sgioblachadh agus a pheantadh.

Chuir mi deasg agus seathar dhan t-seòmar seo – aig a bheil bun-dealain. ’S seòmar beag a tha seo (tha na rumannan gu lèir beag) ach tha e ag obrachadh. Tha e a-nis na sheòmar ullachaidh far am bi coimpiutair agus clò-bhualadair beag.
Tha an seòmar seo cuideachd ri chleachdadh mar oisein aquatint.
Tha mi toilichte an ùine seo a chur seachad a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile sian ag obrachadh agus sàbhailte do dhaoine an cleachdadh.

Còir-deilbhe: Nicola Neate, 2022