Bha Keith Mac an t-Saoir, a tha na chlò-bhualaidair is peantair phoifeiseanta, air àite a ghlèidheadh san stiùidio agus tha e air a bhith a’ cleachdadh an Àite-obrach Clò-bhualaidh.

Thàinig e air uidheamachadh le grunnan chlàir – copair agus sionc. Bha Keith air na clàran meatail aige ullachadh san stiùidio aige fhèin, le stuth-bleithte chruaidh, agus bha e air na dealbhan aige a dheasachadh cuideachd.
Mheasgaich mi lionn Saline Sulphate airson an dealbh sionc agus Ferric Chloride airson na clàran copair. Tha lionn Saline Sulphate airson dealbh sionc gu math luath agus feumaidh tu a bhith cinnteach às na tomhasan-ama agad mus cuir thu an clàr ri chèile. Bha Keith a’ feuchainn diofar dhòighean-obrachaidh agus bha toradh na h-obrach glè mhath – ged a chuireadh e iongnadh ort cho beòthail sa tha an lionn seo.
Chleachd sinn treidhichean còmhnard airson am Ferric Chloride – fhuair Keith toradh na b’fheàrr nuair a chur e na clàran aige bun-os-cionn san Ferric Chloride, gus nach biodh am fuigheall a’ cur bacadh air a’ phròiseas bìdidh.
Tha e na thlachd gu bheil an t-àite-obrach mu dheireadh thall deiseil agus ag obrachadh aig ìre phroifeiseanta.
‘S urrainn dhuibh seisean a ghlèidheadh an seo airson an Àite-obrach Clò-bhualaidh no an t-Seòmair Dhorcha.
Tha àiteachan fhathast ri fhaighinn airson an tachartas Ionnsachadh + Mothachadh Fiadhachd againn. Cothrom sònraichte fad ceithir latha, airson rannsachadh ealain lèirsinneach is dealbhadaireachd ann an àrainneach nàdurra Uibhist a Tuath.