Home > Bloga > Caibideal 9

Series of photos showing students working in the Print and Darkroom studios.

Caibideal 9

Am Faoilleach agus toiseach a’ Ghearrain – tha gnothaichean air a bhith trang san t-Seomar Dhorcha, a bharrachd air san Àite-obrach Clò-bhualaidh.

Tha Tara Drummie air a bhith trang a’ toirt air adhart dealbhan toll-prìne a chaidh an cruthachadh aig bùth-obrach ann an Sgoil Uibhist a Tuath, le sia-deug sgoilear bho chlasaichean 4, 5 agus 6.  Tha iad seo gan sealltainn ann an taisbeanadh Through the Pinhole an-dràstataisbeanadh laghach a dh’fheumas sibh fhaicinn, sa chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh.

Tha an obair seo na dheagh eisimpleir air a’ bhuannachd a tha ri fhaighinn bho luchd-ealain a bhith ag obair ann an com-pàirt leis a’ choimhearsnachd.

Tha mi toilichte a ràdh gu bheil an t-Seomar Dorcha cuideachd ga chleachdadh le cuid de na buill ùra – mar sin feuch gun cuimhnich sibh seisean a ghlèidheadh mus tig sibh a dh’obair anns na stiùidiothan.

Tha mi air corra Bhùth-obrach Clò-bhualaidh a ruith airson oileanaich NC agus BA aig UHI – dh’obraich a h-uile duine eagallach fhèin cruaidh, chòrd e math riutha agus rinn iad obair mhìorbhaileach.

Series of photos of students working in the Print and Darkroom studios.
Series of photos of students working in the Print and Darkroom studios.

Bhiodh e fìor mhath a bhith an lùib iomlaid clò-bhualaidh 20:20 am-bliadhna – tha seo a’ gabhail àite as t-fhoghar.  Chan e tachartas dealbhadaireachd a tha seo ach gabhaidh iad clò-bhualaidhean didseatach.  ’S e iomlaid clò-bhualaidh chliùiteach a tha seo, tha e spòrsail a bhith gabhail pàirt ann, agus ’s e deagh àrd-ùrlar a th’ ann do chlò-bhualadairean airson an obair aca a thaisbeanadh.

Feumaidh Aite-obrach Clò-bhualaidh Taigh Chearsabhagh 5 buill airson pàirt a ghabhail san tachartas, chuireadh e an Aite-obrach Clò-bhualaidh air ais air a’ mhapa….Airson tuilleadh fiosrachaidh mun tachartas seo, bruth an seo airson tadhal air làrach-lìn 20:20.

[Còir-deilbh: Nicola Neate, 2023]