’S e mìos thrang a bha sa Ghearran anns na stiùideothan.
Chuir Rosie Blake air adhart bùth-obrach aon-chlò-bhualadh. Sheall mi dhith mar a chleachdas tu True Grain an àite clàran stàilinn. Bha mise riamh a’ cleachdadh True Grain airson aon-chlò-bhualadh agus tha mi ga fhaighinn fada nas comasach seach na clàran stàilinn – agus cuideachd chan àbhaist gu meirg e. Tha mi a’ smaoineachadh gun do dh’atharraich mi inntinn Rosie!

Agus an uair sin bha Latha Naomh Bhaileintin ann, is fìor thoigh leam a bhith a’ dèanamh cairt airson seo!
Ruith mi fhèin dian-sheisean tòiseachaidh aon-ri-aon san t-Seòmar Dhòrcha – seo rud a ghabhas a chur air dòigh airson an Àite-obrach Clò-bhualaidh no an t-Seòmair Dhorcha agus bidh e a rèir fheumalachdan an duine fhèin.
An tachartas as inntinniche – PLANGAIDEAN ÙRA airson na beairt-clò – ’s e Beart-chlò bhreàgha Harry Rochat leud 21” a th’ againn. Bha an leasachadh seo gu mòr a dhìth, bha na seann phlangaidean a’ tòiseachadh ri sracadh dìreach le bhith ga chleachdadh gu h-àbhaisteach.

Ma tha ùidh aig duine sam bith pàirt a ghabhail ann an dian-chùrsa bogaidh – ann an Clò-bhualadh no Dealbhadaireachd Analogach, thoiribh sùil air an duilleig seo airson Ionnsachadh agus Mothachadh Fiadhachd.
Agus mu dheireadh, dìreach airson a chur nur cuimhne gu bheil agaibh gu 10 Sultain 2023 airson fios a chur gu nicola@taigh-chearsabhagh.org ma tha sibh gus pàirt a ghabhail ann an Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20. Feumaidh na pìosan clò-bhualaidh a bhith deiseil ro 1 Samhain 2023. Airson tuilleadh fios: https://www.2020printexchange.com/
Tha Deb Hill air buidheann Clò-bhualadairean na h-Alba a thòiseachadh agus tha mise nam bhall. Leigidh mi fhaicinn dhuibh dè tha tachairt leis a’ bhuidhinn, agus tha sibh làn di-beathte fios a chur gu Deb Hill sibh fhèin cuideachd ma tha sibh ag iarraidh ballrachd.
Còir-deilbhe: Nicola Neate.