Home > Bloga > Caibideal 11

Series of 3 images of Liz French working in the print studio surrounded by materials.

Caibideal 11

Tha e na thoileachadh faicinn gu bheil an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an Seòmar Dorcha a-nis gam frithealadh gu cunbhalach.  Tha na h-àiteachan a’ faighinn deagh chleachdadh dha-rìreabh agus daoine a’ faighinn tlachd asda.  ’S i an neach-ealain agus oileanach UHI, Liz French, as motha a bha ann air a’ mhìos seo.  Dh’fhaighnich mi do Liz dè a bheachd air an àite airson obrachadh ann:

“’S e àite iongantach a th’ anns an Àite-obrach Clò-bhualaidh, sàmhach agus socrach – le goireasan fìor mhath.  Tha Nicola air a bhith anabarrach cuideachail, ach idir gad chur fodha.  Chaidh agam a bhith air leth dripeil agus dha-rìreabh chòrd e rium a bhith ag obair an seo.”

’S e an ath rud air a’ chlàr-ama, tachartas Ionnsachadh agus Mothachadh Fiadhachd a tha a’ gabhail àite air Diardaoin – Là na Sàbaid 20-23 Giblean.

Còir-deilbhe: Nicola Neate