Home > Uncategorised > Caibideal 12

Series of images from the Learning and Living Wildness event, including a speaker presenting slides of birds, participants listening to a speaker outdoors, and working in the printroom.

Caibideal 12

Nam Cho-òrdanaiche Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmair Dhorcha, tha mi air a bhith a’ cur air dòigh agus a’ ruith bhùthan-obrach airson Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI) a bharrachd air leasachadh agus cuir air dòigh an tachartas Ionnsachadh agus Mothachadh Fiadhachd.  

Sreath de dhealbhan 'a sealltainn dithis ag obair san stiùidio clò-bhualaidh.

Airson an tachartais seo, thaisbean John Kippin an obair aige agus ruith e a’ bhùth-obrach dhealbhadaireachd – Mòran taing John, bha seo air leth tarraingeach agus tlachdmhor.

Taing Shona NicIllFhialain agus Jamie Boyle bhon RSPB airson na h-òraidean agus cuairt fiosrachail agaibh – bha fìor dheagh shìde againn air a shon agus bha e sònraichte math.

Rinn sgioba chafaidh Thaigh Chearsabhaigh uileag am biadh lòn, tì agus na cèicean airson Ionnsachadh agus Mothachadh Fiadhachd – bha e sgoinneil agus blasda – mòran taing!

Taing do na ghabh pàirt (Jannette, Karen agus Keith) airson ur dealas, spionnadh agus oidhirp – bha cuid den chlò-bhualadh làidir dha-rìreabh – tha an taisbeanadh a’ coimhead fìor choileanta.  Chuir e iongnadh mòr orm na rinn sinn de dh’obair ann an ùine ghoirid.  Tha mi a’ smaoineachadh gur e ceithir latha gu math brosnachail a bh’ ann don h-uile duine!

Tha obair a chaidh a chruthachadh aig tachartas Ionnsachadh agus Mothachadh Fiadhachd a-nis ga thaisbeanadh sa ghailearaidh ann an Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh, gu 10.06.23.

Sreath de dhealbhan bho thachartas Ionnsachadh agus Mothachadh Fiadhachd, le òraidiche a' dèanamh taisbeanaidh air eòin, daoine a-muigh air cuairt agus ag obair anns na stiùidiothan.

’S e aon de na rudan a tha cho math mu dheidhinn stiùidiothan fosgailte, ’s e a bhith a’ co-roinn dòighean-obrach.  Tha bùthan-obrach agus ballrachd stiùidiothan a’ tabhann cothruim àiteachan brosnachail a leasachadh airson deasbad, compàirteachas, agus taic.  Bhiodh e mìorbhuileach cumail oirnn a’ toirt fiathachadh do Chlò-bhualadairean is Dealbhadairean eile gus barrachd bhùthan-obrach a ruith!

Chuirinn fàilte air na beachdan agaibhse airson seo – cò bu toigh leibh bùth-obrach a thabhann?

Cuiribh postd gu nicola@taigh-chearsabhagh.org le molaidhean sam bith.

Còir-deilbhe: John Kippin & Nicola Neate.