Home > Uncategorised > Caibideal 14: Bùth-obrach dian le Mata

Photo of a man bent over a workdesk drawing on paper, with printing materials around him.

Caibideal 14: Bùth-obrach dian le Mata

Latha sgoinneil agus adhartach, a dh’aineoin beagan dhuilgheadasan teicnigeach a’ cur cais’ oirnn!

Seo a’ chiad turas aig Mata a’ clò-bhualadh is mar sin bha mi ag iarraidh gun dreidheadh an t-seisein gu math, ach ma tha aon rud ann as aithne dhomh.. Chan eil e gu diofar dè cho ullaichte sa tha thu, bidh rudeigin ann a thèid ceàrr.

Sreath de 3 dealbhan a' sealltainn fear ag obair san Aite-obrach Clò-bhualaidh - a' dèanamh dealbh air pàipear, a' cur air mhiotagan mhòra, agus ag obair a' bheairt-chlò.

A’ cur an deilbh air a’ chlàr sionc ullaichte:

An toiseach cha robh e furasta an dealbh a chur air chun a’ chlàir ullaichte le stuth-bleithte BIG – san t-seisean mu dheireadh ’s e an dòigh-obrach a chleachd mi, a bhith a’ cur an deilbh air muin stuth-bleithte BIG agus an uairsin ga shlaodadh tron bheairt – cha robh duilgheadas sam bith ann – tharraing e a-null gu math.  Ach an turas seo, cha robh DAD ann!

Mu dheireadh bha aig Mata gual-fhiodha a chur air cùl a’ phàipeir-deilbhe aige agus dealbh a dhèanamh air a sin, air chun chlàir stuthan-bleithte BIG aige – gu fortanach dh’obraich seo.  Bha uallach mòr orm ach bha mi air leth toilichte gun robh dòigh eile agam air dealbh a ghluasad gu clàr ullaichte.

A’ clò-bhualadh a’ chlàir:

Nuair a thàinig e gu bhith a’ clò-bhualadh an deilbh, bha an acetate bun os cionn air a’ bheairt is leis a sin chaidh na comharraidhean peann co-cheangailte ri coltas na duilleige gu lèir an clò-bhualadh air chun phàipeir!  Tha mi cinnteach gu bheil seo air tachairt ri cha mhòr a h-uile duine a chleachd acetate airson a’ phàipeir aca a chur air dòigh – tha e eagallach fhèin leamh!!

Bha an clò-bhualadh aig Mata gu math làidir, bha e fhèin cuideachd air leth foighidinneach, ’s ann mar sin as fheàrr a bhith airson clò-bhualadh.  Cha robh duilgheadas sam bith aige ann a bhith a’ feuchainn stuth Saline Sulphate – a’ cruthachadh measgachadh de chomharraidhean diofaraichte le bhith a’ cleachdadh bìdeadh (bidh an ceum seo a’ cur tòrr dhaoine air am faiceall).  Tha mi an dòchas nach do chur na trioblaidean teicnigeach beaga seo dheth e bho clò-bhualadh!

Còir-deilbhe: Nicola Neate