Home > Uncategorised > Caibideal 15

Two side-by-side images, one of Fiona working on a print design and one of Marnie standing behind the printing press.

Caibideal 15

Fios air ais bho dithis bhall ùra

Fiona:

Tha mi air a bhith a’ cleachdadh an Àite-obrach Clò-bhualaidh thairis air na 10 bliadhna mu dheireadh.  Bha mi toilichte ged tà feum a dhèanamh den t-Seisean Tòiseachaidh le Nicola Neate, airson eòlas a chur air cruth ùr an àite agus na h-àiteachan stòraidh.

Tha an t-àite-obrach iongantach, nas motha agus sàbailte, leis an uidheam agus stuthan riatanach gu lèir rim faighinn.  Chlàr mi airson a’ bhùth-obrach sa bhad, agus tha seisean leth-latha gu math torrach air a bhith agam gu ruige seo.

Gu pearsanta, tha mi toilichte gu bheil teicneòlaiche ri làimh airson fiosrachadh mu dheidhinn stuthan ùra a tha deiseil rin cleachdadh.  Mhol mi a’ bhùth-obrach do cho-obraiche.  

Tha e air leth cudromach do mhòran luchd-cleachdaidh gu bheil an goireas seo ri fhaighinn ann an Uibhist.  

Marnie:

Seisean air leth tlachdmhor san stiùidio clò-bhualaidh air ùrachadh.  Bha a h-uile sian air a chur a-mach, air a dheagh chur air dòigh agus glan.  Air dhòigh air choreigin tha an suidheachadh ùr anns a bheil a’ bheairt-clò a’ dèanamh barrachd feum den rùm, gus an urrainn dithis obrachadh còmhla gu comhfhurtail.  Tha na cìsean gu math reusanta.  Ged a bhiodh e math nam biodh e fada na bu mhotha, tha e air a dheagh chur air dòigh a rèir ’s an rùm a tha ann air a shon.

Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mu na stiùidiothan agus cothroman trèanaidh air duilleag Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an Seòmar Dorcha air an làrach-lìn againn.

Còir-deilbhe: Nicola Neate.