Home > Bloga > Blog 18: An Nollaig an seo mar thà!

Exhibition poster with a selection of images from the 20:20 Print Exchange and names of exhibiting artists.

Blog 18: An Nollaig an seo mar thà!

Tha an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmar Dorcha ùr air a bhith fosgailte còrr is bliadhna a-nis agus tha obair iongantach air tighinn asda.

Chleachd Tara Drummie an t-Seòmar Dorcha airson na dealbhan aice airson bùth-obrach Through the Pinhole a thoirt air adhart.  ’S e pròiseact gu math soirbheachail, fosgailte, a bha seo leis a’ choimhearsnachd agus an dèidh an clò-bhualadh, chaidh na dealbhan an taisbeanadh ann an gailearaidh a’ Chafaidh.

Chuir an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmar Dorcha air dòigh tachartas Learning and Living Wildness fad 4 latha.  ’S e gnothach gu math adhartach a bha seo agus thàinig taisbeanadh ann an gailearaidh a’ Chafaidh às cuideachd.

An dà thuras, bha na beachdan a thàinig air ais bhon dà thachartas seo air leth taiceil, bho na bha a’ gabhail pàirt annta, a bharrachd air bhon phoball – ris an do chòrd na taisbeanaidhean fìor mhath! 

Airson na Bliadhn’ Ùire, gus aire a tharraing ri cuairt taisbeanadh Iomlaid Clò-bhualaidh 20:20 a bhios ann an Gailearaidh 1 bhon t-Sultain – Dàmhair 2024, bidh taisbeanadh de chlò-bhualaidhean bho bhuill Thaigh Chearsabhagh a ghabh pàirt san Iomlaid, agus am bùth-obrach ann an compàirt againn, Stirchley Printworks, rim faicinn ann an gailearaidh a’ Chafaidh bho 15 Faoilleach gu 8 Màrt.  Chì sibh am postair gu h-àrd.

Chan eil ann an taisbeanadh a’ Chafaidh ach blasad, ach fiù ’s leis am beagan pìosan obrach seo, tha e a’ sealltainn diofar dhòighean-obrach clò-bhualaidh.  Chan urrainn dhomh feitheamh chun taisbeanaidh shlàn san t-Sultain-Dàmhair 2024, far an tèid 650 clò-bhualaidhean an sealltainn thairis air mìos.  Bidh e brosnachail uimhir a mhodhan obrach clò-bhualaidh fhaicinn, traidiseanta agus co-aimsireil.  Seo agaibh gailearaidh air-loidhne airson sealladh ro-làimhe: 20:20 Print Exchange 2023.

Dùrachdan na Nollaige dhuibh uile!