Home > Bloga > Latha nam Pòg!

Silver and grey print of a heart shape and the word Love.

Latha nam Pòg!

Chan urrainn dhomh a chreidsinn gu bheil sinn aig an àm sin den bhliadhna a-rithist. Tha mi a’ sgrìobhadh seo air latha Naomh Bhaileintin – mar sin tha mi an dòchas gum bi latha sona agaibh uile.

Tha tòrr air a bhith a’ tachairt a thaobh rianachd nan àiteachan-obrach.  Sgrìobh mi artaigeal airson colbh Art Angle ann an Am Pàipear – The art of printing and darkroom photography.

Dealbh air an airtaigeal ann an Am Pàipear.

Tha duilleag ùr ga chur ri chèile airson Gailearaidh Air-loidhne do Bhuill.  Bheir seo cothrom do bhuill an cuid obrach a thaisbeanadh air làrach-lìn Thaigh Chearsabhaigh.

Tha bùthan-obrach luchd-tòiseachaidh air an sgrìobhadh agus chan fheum mi ach ùghdarras fhaighinn air an son a-nis – gabhaibh mo leisgeul ma tha sibh air a bhith a’ feitheamh air na cùrsaichean seo, tha e a’ toirt beagan ùine an dèanamh gu ceart.  Tha mi ag iarraidh gum bi a h-uile duine a’ faireachdainn riaraichte aig deireadh bùth-obrach.

Cumaibh sùil airson an dà cheangal ùr seo a bhios air duilleag an làrach-lìn: https://www.taigh-chearsabhagh.org/gd/na-h-ealainean/cheardach-priontadh-agus-seomar-dorcha/

Tha buill agus oileanaich a’ glèidheadh ùine anns na h-àiteachan-obrach – mar sin feuch gun cuimhnich sibh coimhead sa mhìosachan agus an uair sin glèidh àite le bhith a’ cur postd gu  nicola@taigh-chearsabhagh.org

Tha mi a’ coimhead air adhart ris an Earrach!

[Còir-deilbhe: Nicola Neate]