Home > Bloga > Mìos thrang

Black and white photo of Ania Rolinska standing by the printing press.

Mìos thrang

Tha a’ mhìos seo air a bhith air leth trang.  Tha mi air a bhith ag obair le neach-ealain ionadail, Fiona Pearson, agus tha an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh cuideachd air a bhith a’ tarraing ùidh luchd-ealain a tha a’ tadhal air an àite.

Tha an clò-bhualadair cliùteach Sue Shields a’ tighinn an ath mhìos, airson coimhead mun cuairt na h-àiteachan-obrach.  Agus thàinig Ania Rolinska, a tha fìor thàlantach, a dh’obair san Àite-obrach Clò-bhualaidh nuair a bha i a’ tadhal ann an Uibhist.  Tha an dealbhadair iomraiteach, John Kippin, a’ cleachdadh an t-Seòmair Dhorcha gu cunbhalach.

Ania Rolinska: “Tha seachdain ann bho dh’fhàg mi Uibhist; bha turas mìorbhaileach agam an sin, agus chòrd e rium fìor mhath a bhith ag obair san stiùidio.  Bu toigh leam taing a thoirt seachad a-rithist airson m’ fhàilteachadh, airson an inntrigidh agus còmhradh, a bharrachd air mo chur an aithne Rosie.  Bidh mi air ais dha-rìreabh – tha mi mar thà a’ coimhead air cinn-là – tha mi an dòchas san t-Samhain no tràth san Dùbhlachd no tràth as t-Earrach an ath-bhliadhna, agus gu cinnteach cleachdaidh mi an stiùdio a-rithist.  Tha e air a chur air dòigh cho math.”

Dealbh dubh is geal de Ania Rolinska is pìos obrach clò-bhuailte aice na làmhan.

Tha duilleag ùr Gailearaidh nam Ball a’ tòiseachadh ri coimhead math – seo àite dhaibhsan a tha air ballrachd a phàigheadh, airson sealltainn na clò-bhualaidhean aca agus dealbhan dubh is geal, air làrach-lìn Thaigh Chearsabhaigh.

Còir-deilbhe: Nicola Neate