Home > Naidheachdan > Muinntireas RSA agus ROE airson neach-ealain à Beàrnaraigh

Muinntireas RSA agus ROE airson neach-ealain à Beàrnaraigh

Tha Taigh Chearsabhagh toilichte ainmeachadh gun deach duais Muinntireas Alba 2024 aig an RSA a bhuileachadh air Meg Rodger, neach-ealain stèidhichte ann am Beàrnaraigh, a bhios air aoigheachd aig Taigh Chearsabhagh agus UistFilm.

Bhon Chèitean 2024, bidh Rodger a’ tòiseachadh air muinntireas didseatach Acadamaidh Rìoghail na h-Alba fad 18 mìos, le UistFilm aig Taigh Chearsabhagh.  Thig film goirid neach-ealain às a seo, a bhios a’ sgrùdadh: cuairtean-ama co-mheadhanach: bliadhnail, uile-choitcheann agus neo-chrìochnach; arceòlas; eag-eòlas (daonna/neo-dhaonna); reul-eòlas agus an dàimh chaochlaideach againn leis an fhànas.

Bidh an cruinneachadh obrach ùr aig Meg Rodger a’ leasachadh bun-bheachdan co-cheangailte ri eòlas-cosmas meta-fiosaigeach, a’ cur luach air miann dhomhainn a’ chinne-daonne gus tuigse fhaighinn air a’ chruinne – a’ togail drochaid eadar saidheans agus rannsachadh fheallsanachdail.

Bheir a’ mhuinntireas ealain ri teachd aig Rodger aig Amharc-lann Rìoghail Dhùn Èideann tro mhìosan a’ gheamhraidh 2024/25, cothrom air an eòlas saidheansail as ùire ann an reul-eòlas co-cheangailte ri cuspairean leithid: reul-chriosan fad às, stuth dorcha agus tuill-dorcha.  Tha i a’ miannachadh sgrùdadh agus deasbad le reul-eòlaichean an Amharc-lann, am bun-bheachd feallsanachdail nach e iongantas fiosaigeach a-mhàin a th’ anns an cruinne, ach fighe iomadh-fhillte de shnàithlean eimpireach, teòiridheach agus tar-bharailean.

Bidh an rannsachadh pearsanta aig Rodger a’ meòrachadh air toiseach saidheans reul-eòlas, gu sònraichte bho Mesopotamia, an là an-diugh Iraq, Syria agus Iran.  A thuilleadh air a sin, tha dùil aice breithneachadh air matamataig Babylonia agus àireamhachadh reul-eòlasach a’ dol air ais gu 3000 BCE.  Tron mhodh-obrach chruthachail seo, bidh i ag amas air a’ chultar shaidheansail thràth, thoinnte, agus air leth leasaichte a thàinig às an àite sin, a shoillseachadh.

Bidh an obair seo a’ gabhail beachd air mar a tha sgrùdadh na cruinne riamh air a bhith na phrìomh chùis iongantas don chinne-daonna, gar putadh gus tuigse fhaighinn, chan ann a-mhàin air an àrainn fhiosaigeach, ach cuideachd na taobhan nas domhainne, èalaidheach de bhith.

Tha dùil aig Taigh Chearsabhagh taisbeanadh a chumail den obair a thig às, ann an 2026.

Tha Muinntireas Alba an RSA air a mhaoineachadh le Dìleab Acadamaidh Rìoghail na h-Alba W Gordon Smith & Jay Gordonsmith.

Image

RSA air na meadhanan sòisealta: Facebook  Twitter  Instagram