An Dotair Mòr DVD

£9.50

Tha am prògram ag innse sgeulachd mun dotair ainmeil, Alasdair Macleòid a bha a’ coimhead às dèidh muinntir Uibhist a Tuath fad 40 bliadhna.

Tuairisgeul

‘S e An Dotair Mòr a’chiad choimisean aig UistFilm do MG ALBA.

UISTFILM_ADM_doctorwalking_PREISSMAN

Tha am prògram ag innse sgeulachd mun dotair ainmeil, Alasdair Macleòid a bha a’ coimhead às dèidh muinntir Uibhist a Tuath fad 40 bliadhna.

Tha an An Dotair Mòr a’rannsachadh mar a choimhead an dotair iomraiteach seo as dèidh sluagh trì mìle sgapte eadar 16 eilean airson còrr agus 40 bliadhna gun ospadal no goireasan fòn agus gainnead rathaidean nuair a thòisich e an toiseach ann an 1932.

Dhèanadh e oidhirp ann an aimsir sam bith agus cha robh euslainteach ann an cearnaidh iomallach na thrioblaid dha. Bha e a’frithealadh thubaistean agus suidheachaidhean èiginneach le bàta, each no a’coiseachd. Chaidh aige air galairean sgaoilte a leighis le chuid innleachdas a’cleachdadh na bh’aige na phòcaid agus ’s ioma leanabh a thug e dhan t-saoghal.

A’cleachdadh fianais bho dhaoine a bha fo chùram an Dotair Ailig aig aon àm no cuid a dh’obraich comh’ ris,stuthan à tasglann agus pìosan ùra a chaidh fhilmeadh ann an Uibhist a Tuath fhèin airson a’phrògram, tha a film a’dèanamh dealbh de shàr dhuine.

Stèidhich e seirbheis ambaileans-adhair agus shoirbhich leis a’strì airson cùram slàinte air leth fhaighinn do eileanaich. Coimheadaidh an film seo air dè cho mòr ’s a bha an Dotair Ailig na fhear de na dotairean traidiseanta, dùthchail mu dheireadh? Agus dè cho lèirsinneach ’s a bha e?