Oiteagan A tir nan og

£10.95

Tha Acair, ann an co-obrachadh le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, toilichte ath-fhoillseachadh a dhèanamh air ‘Oiteagan à Tìr nan Òg’ le Ruairidh MacAoidh. Chaidh an leabhar seo fhoillseachadh an toiseach ann an 1938, ach tha e air a bhith a-mach à clò airson iomadach bliadhna. Bha an cruinneachadh bàrdachd seo à Uibhist a Tuath a còrdadh ri mòran, agus tha e a faireachdainn iomchaidh, as dèidh 80 bliadhna, an leabhar a thoirt a-mach as ùr.

 

Category:

Tuairisgeul

Oiteagan à Tìr nan Òg
Air ais as dèidh 80 bliadhna

Tha Acair, ann an co-obrachadh le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, toilichte ath-fhoillseachadh a dhèanamh air ‘Oiteagan à Tìr nan Òg’ le Ruairidh MacAoidh. Chaidh an leabhar seo fhoillseachadh an toiseach ann an 1938, ach tha e air a bhith a-mach à clò airson iomadach bliadhna. Bha an cruinneachadh bàrdachd seo à Uibhist a Tuath a còrdadh ri mòran, agus tha e a faireachdainn iomchaidh, as dèidh 80 bliadhna, an leabhar a thoirt a-mach as ùr.

Dheasaich Iain Dòmhnallach an cruth ùr, agus chuir e ris le eachdraidh mu dheidhinn a’ bhàrd fhèin, na daoine a tha e ag ainmeachadh, agus cunntas air mar a chaidh gabhail ris nuair a nochd e an toiseach. Tha grunn phìosan bàrdachd cuideachd a’ nochdadh nach robh rim faicinn anns a’ chiad leabhar, a tha a cur ris an dìleab phrìseil a dh’fhàg Ruairidh MacAoidh.

Tha fios gun toir an cruth ùr seo de ‘Oiteagan à Tìr nan Òg’ cuimhneachain air ais do mhòran, ach còrdaidh e cuideachd ri leughadairean ùr, agus iad dìreach a’ cur eòlas air bàrdachd bheartach Uibhist a Tuath.

Tha an seinneadair cliùiteach Julie Fowlis air ro-ràdh a sgrìobhadh, agus tha i ag innse mun a’ bhuaidh a bh’ aig a’ bhàrdachd aig Ruairidh MacAoidh oirre fhèin, fada mus robh sealladh aice air an leabhar. Aon uair is gun d’ fhuair i grèim air an leabhar bha buaidh mhòr aige oirre mar sheinneadair Gàidhlig, agus lean na h-òrain a dh’ionnsaich i rithe chun an latha an-diugh.