Home > Bùth

Bùth

Tadhail air a’ Bhùth air an lìon an seo

Le bùth-thiodhlacan, cafaidh agus Oifis a’ Phuist htrang, tha Taigh Chearsabhagh a’ tairgse sheirbheisean cudromach dhan choimhearsnachd a bharrachd air na prògraman is tachartasan againn an lùib nan ealainean lèirsinneach agus dualchais.

Sa bhùth againn tha measgachadh math dha-rìribh de leabhraichean, tiodhlacan, cairtean, seudraidh, ciùird agus stuth aodaich-fhighe barraichte. Am measg nithean air a bheil fèill tha stocainnean ‘bobain’ air am fuaigheal gu h-ionadail agus bagaichean-làimhe a’ Chlò Mhòir. Tha raon eireachdail de shiabann is de chuinnlean cùbhraidh ann don neach romansach agus tha taghadh farsaing de dh’obair-chriadha is de dh’obair-ghlainne mhaiseach ann dhan fheadhainn a tha ag iarraidh tiodhlac ar leth do charaidean no do chàirdean.

Tha e a’ còrdadh ris an fheadhainn òig a’ tadhail air a’ bhùth a bhith a’ toirt sùil air raon nan dèideagan is nan leabhraichean le dealbhan againn agus ma tha cuimhneachan de na làithean-saora a dhìth ort, no tiodhlac sònraichte airson neach sònraichte, tha farsaingeachd stuth is bathair againn dhut.

Tha fiughair againn ri fàilte a chur oirbh dhan bhùth againn!