Home > Cothroman

Cothroman


Gairm airson bhall ùra do Bhòrd-stiùiridh Urras Thaigh Chearsabhagh

Tha Bòrd-stiùiridh Urras Thaigh Chearsabhagh a’ sireadh bhall ùra, agus ma dh’fhaodte Cathraiche ùr, gus cuideachadh le bhith a’ leasachadh aon de na h-ionadan as sònraichte ann an Alba airson ealain, dualchas agus cultar na Gàidhlig san àm ri teachd.

Am Bòrd-stiùiridh

Tha am Bòrd-stiùiridh againn a’ toirt còmhla dhaoine le raon farsaing de sgilean, eòlas-obrach agus eòlas-beatha. Bidh na h-Urrasairean a’ toirt seachad ceannardas ro-innleachdail agus riaghlachas, a’ cumail taic don Stiùiriche agus don luchd-obrach, agus a’ cuideachadh le soirbheachas agus seasmhachd na buidhne airson na h-ùine fhada.

Tha sinn moiteil gu bheil farsaingeachd de dh’eòlais aig na buill againn ann an ealain, cultar, cànan is dualchas na Gàidhlig, a thuilleadh air eòlas proifeiseanta ann an raointean leithid ionmhas, lagh, margaideachd agus na meadhanan. Le sùil ris an àm ri teachd, tha sinn ag amas air barrachd iomadachd de bheachdan is eòlas a thoirt an lùib a’ Bhùird.

Stèidhichte ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath, tha Taigh Chearsabhagh na ionad beothail airson ealain an latha an-diugh, dualchas agus cultar na Gàidhlig. Bidh sinn a’ lìbhrigeadh prògram àrd-amasach de thaisbeanaidhean, chothroman mhuinntireis, ionnsachadh agus gnìomhachdan coimhearsnachd, agus aig an aon àm a’ tabhann sheirbheisean coimhearsnachd cudromach, nam measg cafaidh, Oifis a’ Phuist, bùth agus goireasan nam meadhanan.

Tha sinn gu sònraichte airson a’ Bhòrd-stiùiridh againn a neartachadh le daoine aig a bheil eòlas no tuigse ann an aon no barrachd de na raointean a leanas:

  • Ceannardas no riaghlachas
  • Goireasan Daonna 
  • Rianachd ionmhasail
  • Obair le òigridh 
  • Eachdraidh agus dualchas na h-Alba 
  • Modhan-obrach ealain le sealladh eadar-nàiseanta 

Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air tagraidhean bho dhaoine aig a bheil ùidh mhòr ann an cultar agus coimhearsnachd. Bhiodh eòlas air bòrd-stiùiridh na bhuannachd, ach chan eil e riatanach.

Mar Urrasair, bidh sibh a’ cur ri:

  • Stiùireadh ro-innleachdail agus riaghlachas
  • A’ toirt taic don bhuidhinn, don Stiùiriche agus don luchd-obrach 
  • A’ brosnachadh cultar na Gàidhlig, cruthachalachd agus in-ghabhail 
  • A’ dèanamh cinnteach gum bi Taigh Chearsabhagh a’ soirbheachadh airson nan ginealaichean ri teachd 

Tha sinn dealasach a thaobh com-pàirteachadh a leudachadh agus tha sinn a’ brosnachadh thagraidhean bho dhaoine a tha an-dràsta fo-riochdaichte anns an roinn chultarach agus air bùird charthannais.

Dealas

Bidh am Bòrd a’ coinneachadh gu cunbhalach tron bhliadhna, le cothroman pàirt a ghabhail an dà chuid air-loidhne agus gu pearsanta. Tha dreuchd an Urrasair saor-thoileach, agus faodar cosgaisean-siubhail reusanta fhaighinn air ais.

Tagraidhean

Cuiribh thugainn aithris ghoirid a’ mìneachadh ur n-eòlas agus carson a bu mhath leibh a bhith air Bòrd-stiùiridh Thaigh Chearsabhagh, còmhla ri CV.

Airson còmhradh neo-fhoirmeil no airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu Catrìona NicIlleDhuibh aig catriona300@gmail.com.

Ma tha feumalachdan inntrigidh agaibh agus nam b’ fheàrr leibh tagradh a dhèanamh ann an cruth eile, cuiribh post-d gu taigh@taigh-chearsabhagh.org no cuiribh fòn thugainn rè uairean fosglaidh air 01870 603970.