Home > Crainn-Thara na Gnàth-shìde

Crainn-Thara na Gnàth-shìde

Tha Taigh Chearsabhagh, An Lanntair, Ceòlas, Community Energy Scotland, Nàdar Alba, Leabharlannan nan Eilean Siar, TSI nan Eilean Siar, Adaption Scotland agus feadhainn eile air tighinn còmhla ann an com-pàirteachas ùr gus ceanglaichean poblach agus gnìomhan deimhinneach a bhrosnachadh anns na h-Eileanan Siar ro agus an dèidh Co-labhairt Atharrachadh Gnàth-shìde COP26 nan Dùthchannan Aonaichte a thathar a’ cumail ann an Glaschu san t-Samhain am-bliadhna.

Tha an com-pàirteachas air fear de na seachd ionadan ann an Alba air a bheil ‘Crainn-thara na Gnàth-shìde’, gam maoineachadh le Roinnean Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Cultarail aig Riaghaltas na h-Alba, Alba Chruthachail agus Taighean-tasgaidh is Taighean-taisbeanaidh na h-Alba. Tha sia crainn-thara gan cruthachadh ann an Earra-Ghàidheal, Gallaibh is Taobh Sear Chataibh, ann am Fìobha, ann an Inbhir Chluaidh, ann am Meadhan Lodainn agus ann an Taobh Tatha.

A’ toirt còmhla ghoireasan is eòlais choitchinn bho bhuidhnean cultarail agus gnàth-shìde., bheir na Crainn-thara àite fàilteachail, an dà chuid fiosaigeach is fìorail far am faod am poball, luchd-ealain, agus luchd-dreuchda san roinn chultarail, buidhnean-àrainneachd, luchd-saidheans agus luchd-poileasaidh cuspairean COP26 agus gnìomhan mun ghnàth-shìde a’ bualadh air an sgìre aca fhèin a dheasbad. 

Bheir Crann-tara nan Eilean Siar sùil mar a dh’fhaodas na h-eileanan atharrachadh a rèir nam buaidhean a’ dol am miosad a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde agus aig an aon àm an dualchas nàdarra is cultarail sònraichte aca fhèin a chomharrachadh. Tha sealladh coitcheann aig a’ Chrann-thara air:

  • Ag obair leis na h-ealainean gus buaidhean is laigsean na gnàth-shìde a sgrùdadh
  • A’ lìbhrigeadh fiosrachadh càileachdail co-luadair ri chur ri Plana Freagarrachaidh Atharrachadh na Gnàth-shìde.
  • A’ comharrachadh is a’ dìon dualchas cultarail sònraichte nan eilean.