Home > Dualchas

Dualchas

Ann an Uibhist a Tuath, mar a tha sna h-Eileanan Siar gu lèir, tha measgachadh saibhir den eachdraidh ris am faodar is nach fhaodar beantainn. Eadar an tuama-cloiche mòr bho Linn Ùr na Cloiche aig Barpa Langais agus na h-aitreabhan-cloiche is na h-aitreabhan-tughaidh air mhaireann air feadh an eilein, tha an dùthaich air a bhith mar dhachaigh do dh’iomadh ginealach dhaoine thairis air na mìltean de bhliadhnaichean. Tha bloighean den t-saoghal seo a dh’fhalbh gan nochdadh fhathast le obrachadh na gaoithe is an làin gun sgur air costa cugallach na machrach air taobh siar Uibhist a Tuath.

Tha coimhearsnachdan a’ fuireach anns an eilean an-diugh ag obair gun sgur gus eugsamhlachd cruth-tìre nàdarra is cultarail Uibhist a Tuath a ghleidheadh, cho math ris a’ Ghàidhlig a tha aig cridhe na h-ìomhaigh aice. Chan eil an t-eilean againn air a ghlacadh ann an tìm, ge-tà, agus tha saoghal an là an-diugh a’ toirt àrainneachd do eachdraidh shòisealta shaibhir nan coimhearsnachdan againn, air a glacadh sna mìltean de dhealbhan, nithean is sgeulachdan a tha mar mheadhan drùidhteach gus ceangal a dhèanamh ri beatha nan ginealach a chaidh romhainn bho là gu là. .

Tha Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath (CEUT), buidheann-bhallrachd bheothail a tha stèidhichte san eilean, a’ cur taic ri raon farsaing chur-seachadan is thachartasan an lùib an dualchais, a tha a’ dèanamh sgrùdaidhean is mhìneachaidhean le mac-meanmna air eachdraidh is cultar saibhir an eilein

Cruinneachaidhean & Tasglann Coimhearsnaichd

Tha beartas de dh’eachdraidh follaiseach an Uibhist a Tuath, mar a tha ann an iomadh eilean eile ann an Innse Gall. Tha e soilleir gun robh an dùthaich mar dhachaigh do dh’iomadh ginnealach thairis air na linntean, bho Bharpa Langais gu na taighean-tughaidh a tha rim faicinn fhathast air feadh an eilean. Tha criomagan den dòigh-beatha a bh’ ann a’ tighinn am follais leis mar a tha a ghaoth agus a mhuir a’ toirt buaidh air oir-thìm na machrach air taobh an iar Uibhist a Tuath.

Tha coimhearsnachdan air an eilean anns an latha an-diugh ag obair gu trang gus an dreach-tìre nàdarra agus cultarach agus a Ghàidhlig a dhion agus a ghlèidheadh. Tha na dealbhan, nithean agus sgeulachdan a tha ceangailte ri beatha làitheil ann an Uibhist a Tuath an-diugh a toirt dhuinn eachdraidh shòisealta air dòigh-beatha anns na h-eileanan.

Tha Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath a cuir taic ri iomadh tachartas dhualchais ann an Taigh Chearsabhagh a’ sealltainn eachdraidh agus cultar an àite fhèin.

Tha dualchas agus eachdraidh na choimhearnsachd air an riochdachadh leis na chruinnich Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath de nithean bhon naoidheamh agus am ficheadamh linn deug ann an Uibhist a Tuath. Tha an Morning Star, bàta a thogadh ann an Griomasaigh, cuideachd leis a’ Chomann Eachdraidh.

Bho chionn goirid ghabh buidhean leasachaidh os-làimh Sgoil Chairinis airson bliadhna. Tha iad am beachd airgead fhaighinn gus an gluais iad na chaidh a chruinneachadh à stòr na Comhairle ann an Tòrlum.

A bharrachd air an sin, tha mu 3500 dealbh aig Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath. Tha a chuid as motha dhe na dealbhan air an cumail ann an Taigh Chearsabhagh far a bheil iad rim faicinn saor an asgaidh. Cuideachd tha Tasglann Runrig le iomhaighean a’ sealltainn eachdraidh a chòmhlain bho 1973 chun an latha an-diugh.