Sùil air an Àm a Dh’fhalbh
Tha geòlas Innse Gall sìmplidh gu leòr. Tha an slabhraidh uile fad 130 mìle air a dhèanamh suas air a’ chuid as motha de Ghneiss Leòdhasach, aonan de na creagan as sine is as cruaidhe air thalamh. Is iad comharraidhean na creige seo bannan ann an sreathan de ghlas is de gheal, le dubh agus fiamh de mhica pinc air a chriostalachadh an siud ‘s an seo.
Dh’èirich creimeadh mòr na milleanan de bhliadhnaichean air ais san Linn air a bheil an Treas Ùine. Thar nan linntean mòra, chaidh creag gharbh àrainn na Gàidhealtachd a ghearradh is a chruthachadh leis an obrachadh rag seo agus chaidh lìonra ìseal nan cnoc is nan loch a chì sinn an-diugh ann an Uibhist a Tuath a chruthachadh.
A’ Mhuir a’ Lìonadh
Tha an ceangal eadar a’ mhuir agus na h-eileanan, gu h-àraidh ann an Uibhist a Tuath, gu math dlùth far a bheil atharrachadh cunbhalach gun sgur. Tha a’ mhuir beag is beag a’ tighinn a-steach dha na h-eileanan againn agus a’ creimeadh gu cunbhalach air àrainnean den talamh-àitich. Tha na costaichean againn gan obrachadh air falbh nas luaithe agus nas obainne na a’ chuid as motha de dh’àiteachan eile san RA. Fàsaidh seo nas luaithe is nas luaithe sna bliadhnaichean a tha romhainn.

A’ Chiad Cheum
Tha fios againn bho chladhach chlach is bhall-acfhainn spuir ann an ceann a deas Shasainn gun robh tuineachadh anns na h-eileanan Breatannach seo an toiseach eadar 40,000 is 30,000 bliadhna air ais. Gu ruige seo chan eil fianais shoilleir ann a nochdadh gun d’ràinig na daoine seo à Linn na Cloiche Alba aig an àm seo.
Mu 10,000RC ann an Linn Mheadhanach na Cloiche, thòisich a’ ghnàth-shìde air atharrachadh agus fàs nas sèimhe. Mar thoradh, nochd coilltean thairis air tìr na h-Alba, far am faodadh buidhnean na bu mhotha de luchd-seilge is luchd-trusaidh tighinn beò. Thathar air na bloighean as motha de dhòigh-beatha nan daoine seo a chladhach air feadh nan Eilean A-staigh. Anns na h-Eileanan A-muigh, thug suidheachadh is gnè air leth na machrach, a tha a’ sìneadh feadh taobh siar nan eilean seo, àrainneachd car sèimh cuideachd far an do thòisich daoine tràtha air tuineachadh cuideachd.
Le sgrùdadh air poilean tha fios againn gun robh beatha nam buidhnean seo de luchd-seilge is luchd-trusaidh sna h-Eileanan A-muigh stèidhichte air cothrom a rèir nan ràithean air diofar sheòrsaichean de bhiadh gam buain aig caochladh làraichean timcheall nan eilean. Seach gum biodh iad a’ siubhal ri ionaltradh, bhiodh na daoine seo ag imrich gu cunbhalach bho làraich gu làraich, agus a h-uile gin dhiubh gan suidheachadh gus biadh sònraichte a bhuain – iasg is fiadh na dearcan is cnòthan. Aon uair ‘s gun robh crìoch air tighinn air a’ bhiadh, thogadh an luchd-seilge is luchd-trusaidh an imrich. Is iad na flagaisean – no làraichean an cuid sgudail – sligean, cnàmhan agus aig amannan bloighean de chlachan – as motha a tha air fhàgail den tuineachadh a rinn iad air na làraichean sealach seo ri taobh a’ chuain.
Ged ‘s e glè bheag a th’ air fhàgail de dhòigh-beatha an luchd-sheilge is an luchd-thrusaidh seo, tro na dòighean a bha aca goireasan nàdarra a bha rim faotainn a chleachdadh a rèir nan ràithean, mhair iad beò a rèir a choltais fad nam mìltean de bhliadhnaichean gu toiseach Linn an Umha co-dhiù.
Atharrachadh air an t-Sìde
A rèir mar a thàinig leasachadh beag is beag air àrainneachd nàdarra nan Eilean, thàinig feabhas ar cruth-tìre is cinneasachd Linn Mheadhanach na Cloiche. Thòisicheadh air coilltean a rèiteachadh rin àrach le tuineachaidhean dhaoine na bu mhotha. Thug na tuathanaich seo linn ùr a-steach, Linn Ùr na Cloiche.
Thàinig an leasachadh seo uidh air n-uidh, a’ tachairt eadar 8,000 gu 6,000RC. Is e as coltaiche, rè na h-ùine seo gu lèir cha mhòr, gun do chùm an luchd-seilge is luchd-trusaidh orra a’ còmhnaidh taobh ri tuathanaich agus na coimhearsnachdan stèidhichte aca. Ach chuir na buannachdan à dòighean nas èifeachdaiche agus an ìre mhath nas earbsaiche de dh’àrach bliadhnail crìoch air a’ cheann thall air dòigh-beatha shiùbhlach nan daoine seo à Linn Mheadhanach na Cloiche.

Tìm nan Tuaman
Ged a tha e doirbh àm sònraichte a chomharrachadh airson nochdadh nan tuathanach seo anns na h-Eileanan A-muigh, aon rud sònraichte mun chultar aca aig an àm seo is e na tuaman mòra cloiche a tha sgapte air feadh nan eilean. Seach àiteachan-fuirich àbhaisteach ann am fiodh a chaidh às o chionn fhada, tha na togalaichean seasmhach seo air mairsinn gu math tro thìde.
Ann an iomadh làrach air feadh nan Eilean, Udal ann an Uibhist a Tuath agus an Taobh Tuath sna Hearadh nam measg, tha fianais làidir ceangailte ri tuineachaidhean aig deireadh Linn Ùr na Cloiche. Is e am fear a nochd a’ chuid as motha Eilean Dhòmhnaill (NF 747753), air eilean beag ann an Loch Òlabhat ann an Uibhist a Tuath. A-mach às a’ chòrr is deich air fhichead de thogalaichean tuama-chloiche car cudromach a tha fhathast sna h-eileanan, tha dà thrian de na tuaman seo ann an Uibhist a Tuath, gu sònraichte ann an Langais is Càirinis.
Tha àireamhan mhòr nan togalaichean bho Linn Meadhanach na Cloiche air feadh nan eilean a’ nochdadh sìobhaltachd eagarra, shoirbheachail a bha car toinnte is adhartach far an aithnicheadh is an comharraicheadh spioradalachd tro chreideamh is tro chleachdaidhean a’ phobaill. Rè Linn Ùr na Cloiche, tha an fhianais a’ cur an cèill gun do chruthaich an leasachadh air a’ ghnàth-shìde, agus pailteas nan goireasan nàdarra agus an fhearainn thorraich àrainneachd bharraichte far an do shoirbhich le luchd-àiteachais tràth agus a dh’fhàg an làrach air na h-eileanan.
Umhasach Brèagha
Mu 2000RC thòisich na daoine seo air meatailt a dhèanamh is a chleachdadh. Dh’fhàg sgapadh seasmhach an teicneòlais ùir seo, agus an crìonadh mòr air a’ ghnàth-shìde ann an Ceann a Tuath na h-Eòrpa, buaidh làidir air saoghal Linn an Umha. Dh’ìslich an teothachd bhliadhnail mar chuibheas agus, mar thoradh, dh’fhàs an t-sìde sna h-Eilean A-muigh fada na b’ fhuaire is na bu fhliche. Bha buaidh mhòr air cruth na tìre. Dh’adhbharaich cruthachadh is sgaoileadh na mònach thairis air fearann a bha torrach uair imrich air falbh bho na làraichean a bha beairteach anns na cnuic seach gun do dh’fhàs an ùir air na slèibhtean seo a-staigh san tìr na seasgan.
Aig toiseach Linn an Umha, mus do bhris a’ mhòine a-steach thairis air an fhearann seo a bha torrach uair, bha Muinntir nam Bìocaran – air an ainmeachadh às a’ chriadhadaireachd mhaisich air leth aca – air sgaoileadh gu luath tuath bhon Spàinn air a’ Mhuir Mheadhanaich gu Crìoch Lochlainn, dham bheil fianais ga comharrachadh le lorg ann an caob math den Roinn Eòrpa ìre mhòr den nòs ùr de chriadh-ruadh maiseach a chruthaich na daoine seo.
A bharrachd air an cuid criadhadaireachd, tha aon atharrachadh cudromach air cleachdaidhean sòisealta muinntir Linn an Umha ga nochdadh leis an mhodh a thagh Muinntir nam Bìocaran mu adhlacadh. Bhiodh tòrr dhaoine gan tòrradh ann an tuaman Linn Ùr na Cloiche roimhe seo, ach ann an ciste muinntir nam Bìocaran chan eil na broinn ach aon neach. Mar a bu thrice, rachadh na leacan-cloche a chruthaich a’ chiste a chur san talamh agus a chòmhdach le ùir no clachagan ann an cumadh cùirn. Aig amannan an cois an tòrraidh bhiodh buill-ealain le muinntir nam Bìocaran agus air an dèanamh à umha.
Thug toirt a-steach obair-mheatailt le muinntir nam Bìocaran buaidh mhòr air saoghal nan coimhearsnachdan a bha na b’ eòlaiche air a bhith ag obair le stuth nach robh mèinnearach. Tha umha na cho-mheatailt de chopar is staoin. Sa mhodh-obrach gus meatailt ùr a dhèanamh tha feum air teothachd glè àrd air a cruthachadh ann am fùirneis air a togail a dh’aona ghnothach. Thathar air bloighean de na meatailtean seo agus de na structaran air an cleachdadh gus an t-umha a chruthachadh a lorg aig caochladh làraichean sna h-Eileanan A-muigh. Dh’fhàg cho soirbh agus a bha e an t-umha a lùbadh gum faodte a chleachdadh gus nithean maiseach toinnte a chruthachadh. Bhiodh molldairean gan cleachdadh cuideachd gus samhlaidhean-inbhe na b’ fhìnealta a chruthachadh, leithid tuaghan is biodagan seasmhach gu soirbh agus ann an àireamhan mòra.
Feadhainn de na structaran as motha a mhair bho Linn an Umha is e na tursachan. Tha siostam Chalanais, air taobh siar Leòdhais, air leth comharraichte. Is e as coltaiche gun robh iad mar ionad do chleachdaidhean mun chreideamh agus mu thorrachas, tha na làraichean mòra seo nan cuimhneachain fhollaiseach air coimhearsnachdan eileanach a’ fuireach dlùth ri chèile gus am feum as fheàrr a thoirt às na bh’ air fhàgail den talamh-àitich. Is e an tursachan ann an Langais, air a bheil mar ainm Poball Fhinn, gu math faisg air an tuama-sheòmarach Barpa Langais bho Linn Ùr na Cloiche, am fear as motha ann an Uibhist a Tuath.
Cearcall Briste
Bho 1,200 to 800RC, ‘s e glè bheag a th’ air fhàgail de làraichean-tuineachaidh sna h-Eileanan. Tha an fheadhainn a th’ ann mar fhianais gun do dh’fhàs taighean na bu mhotha agus gun do dh’atharraich iad gu bhith nan taighean-cruinn Atlantaigeach à clach ceangailte ris na tuineachaidhean bho Linn an Iarainn an dà chuid sna h-Eileanan A-muigh agus na h-Eileanan a Tuath.
Bruighean is Dùin
Bho thoiseach gu meadhan Linn an Iarainn (800 RC gu AD 400) thog daoine sna h-Eilean A-muigh na h-àiteachan-fuirich aca agus chleachd iad am fearann ann an dòighean ùra. Tha fuighleach nam brugh-cloiche suaicheanta no nan dùn, stoidhle taigh-cuibhle a bhuineas gu dìreach ris na h-Eileanan A-muigh agus ri Sealtainn, sgapte air feadh nan eilean. Is iad an fheadhainn as suaicheanta Dùn Chàrlabhaigh ann an Leòdhas agus air an làraich air a cladhach an cois a’ chladaich aig Dùn Mhulain (NF 715297), ann an Uibhist a Deas. Ann an Uibhist a Tuath, tha Dùn an Sticir (NF 897776) and Dùn Torcuill (NF 888737), air dithis den fheadhainn as fheàrr air a gleidheadh agus faodar ruiginn orra le aire thairis air na cabhsairean-cloiche a bh’ ann bho thùs.
An Saoghal fo Thalamh
Gus taighean-cuibhle a thogail air a’ mhachair, dh’fheumte toll mòr cruinn a chladhach agus na taobhan a lìonadh le clachan-cobhaireachd. Chùm an gaineamh taic ris na ballachan agus bha e cuideachd na stuth-bacaidh barraichte. Na bhroinn chaidh caochladh bhallachan-cloiche a thogail bhon bhalla a-muigh a dh’ionnsaigh na cagailte sa mheadhan – coltach ri dealbhadh muil is spòige air cuibhle-chairt. Bha taighean-cuibhle nan leasachaidhean beaga air cruth na tìre, agus gun ach am mullach-tughaidh no mullach-fòid ri fhaicinn os cionn na talmhainn.
Tha na taighean-cuibhle a’ tighinn bho mheadhan gu deireadh Linn an Iarainn air adhart, 800RC – 400AD. Air an tuineachadh fad ùineachan fada, chaidh an atharrachadh is an togail às ùr le ginealaichean an dèidh a chèile a rèir atharrachaidhean air dòigh-beatha agus toirt a-steach bhuaidhean cultarail eile. Tha na h-eisimpleirean as fheàrr de na taighean-cuibhle ann an Uibhist a Tuath ann an Cleitreabhal (NF 749713), agus Cnoc a’ Chòmhdhalach (NF 771741).
Earrannan à rannsachadh is foillseachaidhean le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath (CEUT) ri linn DigIt2015! Bliadhna an Àrc-eòlais ann an Alba.