Home > Dualchas > Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath

Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath

Chaidh an comann-eachdraidh ionadail beothail seo a stèidheachadh anns an Dàmhair 1987, agus bhon uair sin tha e air cruinneachadh de nithean, de dhealbhan agus de chlàraidhean-fuaime a chur ri chèile a tha nan dealbh beò de dh’eachdraidh shòisealta Uibhist a Tuath.

Tha ballrachd de chorr is 300 a’ cur taic ri comataidh luchd saor-thoileach a bhios a’ coinneachadh gu cunbhalach gus amasan is cinn-chrìche a’ chomainn a chur air adhart, agus tachartasan cunbhalach a chur air dòigh leis a’ choimhearsnachd ionadail agus air a son.

Tha e an urra ris a’ Chomann tachartasan ceangailte ri dualchas a chur air dòigh agus a ghleidheadh aig Taigh Chearsabhagh, air a’ chuid as motha aig a’ phrìomh thaisbeanadh bhliadhnail aig an Taigh-tasgaidh cho math ri, gach bliadhna, caochladh thaisbeanaidhean sealach ann an Gailearaidh 2.

Ann an Cruinneachadh is Tasgadh na Coimhearsnachd a tha an Comann a’ cumail tha còrr is 1000 ball-ealain a riochdaicheas is a bheir cruth do dhualchas is do chultar nan coimhearsnachdan ann an Uibhist a Tuath bho dheireadh na 19mh linne gu deireadh na 20mh linne. Tha am bàta eachdraidheil, am Morning Star, air a togail ann an Griomasaigh, ann an seilbh agus ga h-obrachadh ann am pàirteachas aig a’ Chomann cuideachd.

Cuideachd, tha an Comann a’ cumail cruinneachadh farsaing de mu 6,000 dealbh, copaidhean de na dealbhan tùsail air a’ chuid as motha. Tha a’ chuid as motha de na dealbhan seo gan cumail san taigh-tasgaidh aig Taigh Chearsabhagh agus faodaidh luchd-tadhail sealltainn air, air ullachadh, saor ‘s an-asgaidh.

Tha Tasg-lann Runrig ga chumail ann an Taigh Chearsabhagh cuideachd. Tha ìomhaighean cumhachdach is drùidhteach agus cuimhneachain ann an clò a’ clàradh eachdraidh a’ chòmhlain agus an t-soirbheachais aca air feadh an t-saoghail., bho chaidh a chruthachadh ann an 1973 gus an do dhealaich iad ann an 2018.

An dèidh seilbh fhaighinn air sgoil-bheag fhalamh Chàirinis ann an ceann a deas an eilein ann an 2019, tha an Comann a’ faighinn maoineachadh gus an togalach a chàradh gus an cruinneachadh, a tha ga thasgadh ann am Beinn a’ Bhaoghla an-dràsta, agus ionad-mìneachaidh beag airson luchd-tadhail a chur ri chèile.

Tha buidheann bheothail luchd saor-thoileach aig a’ Chomann a bhios a’ cuideachadh gus taisbeanaidhean a ghleidheadh, tachartasan a chur air dòigh agus obair an lùib foghlaim agus nan coimhearsnachdan air a’ bhlàr a-muigh. Ann an 2016, bhuannaich iad Duais Marsh Thaigh-tasgaidh Bhreatainn airson Luchd Saor-thoileach airson Alba.

Tha an Comann ag obair gus na h-amasan is na cinn-chrìche a leanas a thoirt gu buil:

  1. Barrachd cùraim ri cruinneachaidhean agus cothrom air na cruinneachaidhean a dhaingneachadh.
  2. Cothroman-ionnsachaidh agus foghlam san dà chànan mu na cruinneachaidhean againn agus mu chultar is eachdraidh Uibhist a Tuath a leasachadh is a leudachadh.
  3. Cuir ri ìomhaigh a’ Chomainn agus ri dualchas ann an Taigh Chearsabhagh agus anns a’ choimhearsnachd anns an fharsaingeachd.
  4. Mothachadh digiteach a shocrachadh anns a’ Chomann.

Ballrachd

Ma tha ùidh agad ann a bhith a’ cur taic ri obair is amasan a’ Chomainn, nach luchdaich thu a-nuas foirm-ballrachadh a’ Chomainn, air neo cuir fios gu: ceutoffice@gmail.com