Is e am bàta am Morning Star am ball as motha sa Chruinneachadh air a chumail airson na coimhearsnachd le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath. Eadar 2002 agus 2007 chaidh a càradh gu mòr mar phàirt de Turning the Tide, prògram mun dualchas is mu chiùird airson na coimhearsnachd air a ruith le Urras Taigh-bàta Ghriomasaigh aig Taigh Chearsabhagh agus aig bùth-obrach an Urrais anns na Ceallan.
Ann an 2010 chaidh a cur air chruaidh aig a’ Chidhe Bheag ann an Loch nam Madadh agus bheireadh i tursan beaga don phoball timcheall a’ bhàigh, a tha na làrach air a h-ainmeachadh a bhith de shùim shaidheansail shònraichte le Nàdar Alba.

Aon uair is gu bheil e air an sgoil-bheag a bha ann an Càirinis a chàradh, tha e san amharc aig a’ Chomann am Morning Star a thaisbeanadh ann.
Tha eachdraidh gu math inntinneach aig a’ bhàta. Chaidh a togail ann an 1928 aig Ceannairidh ann an Griomasaigh le Teàrlach Uilleam Stiùbhart do Sheonaidh is Alasdair Sheumais MacDhòmhnaill ann an Ceann Ear, aig an robh cunnradh a’ phuist airson Heisgeir agus Taigh-solais nan Eileanan Mònach. Is i a’ chiad bàta Griomasach a chaidh a togail dìreach airson einnsean. Aig an àm sin cha robh ainm sònraichte air a’ bhàta ach bheireadh iad Pacaid Heisgeir no Eathar Glas oirre. Bha i ga cleachdadh cuideachd gus crodh is gual a ghiùlan do mhuinntir Chinn Ear.
Ann an 1942, bhris an t-eathar mu sgaoil bhon acair aice agus an dèidh dhi tighinn gu tràigh air cladach Phort Roigh ann an Heisgeir, bha i air a milleadh gu mòr. Chaidh an t-einnsean aice agairt air ais le Bòrd Taighean-solais a’ Chinn a Tuath agus shaoileadh tu gum b’ e sin a’ chrìoch air an Eathar Ghlas. Ann an 1947, ge-tà, chaidh a slaodadh air ais gu Ceannairidh gus a càradh agus an uair sin a reic ri Calum MacÌosaig à Beàrnaraigh. Leis an ainm ùr Violet, bha an t-eathar ga cleachdadh fad iomadh bliadhna gus bathar a ghiùlan bho Loch nam Madadh gu Bùth MhicÌosaig ann am Beàrnaraigh.

Ann an 1963, chaidh a slaodadh air ais gu Loch nam Madadh agus a chleachdadh gus caoraich a ghluasad le Aonghas Ailig ais Iain Moireasdan. Air a’ cheann thall, chaidh an t-eathar a cheannach le Iain Friseal à Loch nam Madadh, fhuair i an t-ainm ùr Morning Star agus bhathar ga cleachdadh mar bhàta-iasgaich le clàradh CY 59.
Aig toiseach nan 1990an, chaidh a cheannach leis a’ Chomann agus a cur air ais air a’ chladach ri taobh Thaigh Chearsabhagh. Ann an 2011, chaidh comataidh-rianachd a chur air bhonn gus dealbhadh airson a h-ùrachadh. Fhuaireadh maoineachadh airson na h-obrach bho Chrannchur an Dualchais/Urras Turning the Tide.