Cruinneachadh Dealbha na Coimhearsnachd

Bho chaidh Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath a stèidheachadh aig deireadh nan 1980an, tha a’ bhuidheann air a bhith an sàs ann an cruinneachadh dhealbhan, eachdraidh-labhairt agus sgrìobhainnean a nochdas eachdraidh shòisealta Uibhist a Tuath. Tha an cruinneachadh dhealbhan seo ann an riochd clò air a’ chuid as motha fhathast. Tha an cruinneachadh a’ dol am meud fhathast agus tha còrr is 3500 clò agus trìd-shoillsean ann a-nis.

Bu mhath le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath gu mòr fhathast dealbhan a chruinneachadh ceangailte ri Uibhist a Tuath a bhuineas ris na cuspairean a leanas – Feachdan an Airm is Àm-cogaidh, Croitearachd is Àiteachas, Ciùird, Saoghal an Teaghlaich, Foghlam is an Òigeraft, Saoghal na Mara, Beatha Phearsanta, Beatha Phearsanta, Malairt is Reic.

Tha taghadh bho chruinneachadh nan dealbhan ri fhaicinn gu h-ìseal.

Search Results

No results were found. Please try a different search.