Home > FilmUibhist

FilmUibhist

Goireasan Cruthachadh Mheadhanan Didseatach

On uair a rinneadh am film aithriseach Passing Places – The Real Outer Hebrides ann an 2001, tha Taigh Chearsabhagh gu dealasach ag obair còmhla ri coimhearsnachdan an eilein, oileanaich, luchd-ealain agus companaidhean riochdachaidh, a’ cleachdadh bhideo agus meadhanan didseatach eile aig àrd-ìrean riochdachaidh. Chìthear farsaingeachd den obair againn air an t-seanail Vimeo againn.

Tha dealbh gluasadach na phàirt mhòr den phrògram ealain againn. Tha sinn air obair chompàirteach a dhèanamh, agus luchd-ealain film a thaisbeanadh, an leithid Shona Illingworth, Thomson + Craighead, Jocelyn Cottencin, Ilana Halperin, Chris Drury, Keith McIntyre, Dalziell + Scullion agus Ian Stephen. Tha sinn an-dràsta ag obair còmhla ri The Wapping Project air coimisean leis an neach-ealain chliùiteach, Mairéad McClean, agus sinn cuideachd a’ toirt àite don neach-ealain/filmeadair Chanadach Joshua Bonnetta a bhith air mhuinntireas againn.

Chaidh Film Uibhist a stèidheachadh san Dàmhair 2013 mar phròiseact pìleat 2 bhliadhna, le taic bho Alba Chruthachail, HIE agus Comhairle nan Eilean Siar, gus riochdachadh, trèanadh agus foghlam nam Meadhanan Didseatach a leasachadh ann an Uibhist.

Tron ghoireas seo, bidh Taigh Chearsabhaigh a’ cruthachadh fhilmichean airson an leithid Taigh-tasgaidh Victoria & Albert, BBC ALBA, Àrainneachd Eachdraidheil Alba, Oilthigh Northumbria.

A-nise mar Film Uibhist, tha sinn ag obair gus na gnìomhachasan cruthachail ann an Innse Gall a leasachadh, le solar sgìreil de dh’uidheamachd clàraidh HD agus goireasan-obrach. Bidh sinn cuideachd a’ brosnachadh tàlant san sgìre le cothroman trèanadh ann an riochdachadh. Tha eòlaichean proifeiseanta cuideachd ri làimh airson làmh stiùiridh a thabhainn.

Tha farsaingeachd de sheòrsaichean camara, uidheamachd clàradh fuaim agus goireasan gearraidh is deasachaidh aig Taigh Chearsabhagh. Nam bu mhath leat film a dhèanamh, trèanadh fhaighinn, camara fhastadh neo barrachd fiosrachaidh fhaighinn, luchdaich a-nuas clàr cosgaisean fastadh nam Meadhanan Didseatach againn air neo cuir fios thugainn.

Gabhaidh An Dotair Mòr, a’ chiad film aithriseach aig FilmUibhist airson BBC Alba, a cheannach no fhaighinn air màl an seo.