Home > FilmUibhist > FAODAIL Tasglann Fhilmichean Innse Gall

FAODAIL Tasglann Fhilmichean Innse Gall

Gu ruige cho fada ri 1979 cha deach ach beagan ìomhaighean gluasadach air an sgaoileadh gu poblach air an cruthachadh anns no mu na h-Eileanan Siar seach sealladh dhaoine bhon taobh a-muigh a chruthachadh, mas e ‘s gun deach gin dhiubh. Air a’ char a b’ fheàrr, chruthaich an cion seallaidh is cànain dhùthchasaich seo riochdachadh aineolach agus gu tric romansach no le fearas-mhòr de shaoghal nan eilean.

Tha FilmUibhist ag obair le Comainn Eachdraidh Innse Gall gus a h-uile seann fhilm a chaidh a dhèanamh anns no mu Innse Gall a thoirt còmhla.

A bheil filmichean aosta bhon taigh agad sa phreasa mu Innse Gall?

Tro FHAODAIL, is e as adhbhar dhuinn cothrom a thoirt air cruinneachadh ìomhaighean gluasadach de na h-Eileanan don phoball san fharsaingeachd tro chlàr air a ghleidheadh air an Lìon le ionadan-ruigsinn ann an taighean-tasgaidh, sgoiltean, leabharlannan, ionadan-dualchais is ionadan-ealain nan eilean, cho math ri clàran nan Comann Eachdraidh air an Lìon.

Cumaidh FAODAIL cuideachd taisbeanaidhean poblach, tachartasan-cuimhneachaidh agus cruthaichidh e pròiseact ùra film, a’ cleachdadh seann fhilmichean gus mìneachadh às ùr a thoirt air seann fhilmichean bho sheallaidhean eileanaich an latha an-diugh. Bheir an goireas seo agus na h-ìomhaighean is an lèirsinn a bheir e seachad air beatha, obair is cluich nan eileanach san 20mh linn cothrom air tasgadh a bhios prìseil fhèin do na ginealaichean romhainn.

Ann an 2019 fhuair sinn maoineachadh-sluaigh digiteadh cruinneachadh fhilmichean Super8 le Anna Dhòmhnallach Chnoc na Lùib a nochd stuth-aithriseachd mìorbhaileach mu chroitearachd is nàdar ionadail sna 1970an is toiseach nan 1980an (agus flamingo air Loch Bharbhais!):

Tha an cruinneachadh cuideachd a’ nochdadh nithean eile an lùib beatha nan eilean bho latha gu latha, le stuth mu chuairtean-cladaich le Bun-sgoil nan Ceallan agus obair-sgoile an dèidh làimhe. Tha na leanas na ghiorrachadh air cuid den stuth air croitearachd le ceòl na chois le oileanaich-chiùil aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean:

Aig toiseach of 2021 rinn sinn digiteadh cuideachd de chruinneachadh film 8mm a chaidh a thogail ann am Beàrnaraigh bho 1960 gu 1978, air a thoirt mar dhìleab le Gloria NicFhilip a tha a’ fuireach anns an eilean. Agus e air a thogail le muinntir Scott, càirdeach do mhuinntir MhicFhilip, air làithean-saora bliadhnail ann am Beàrnaraigh thairis air fichead bliadhna, tha am film na phlathadh beothail is drùidhteach air an t-saoghal ann am Beàrnaraigh mus deach an cabhsair ga cheangal ri Uibhist a Tuath a thogail. An dèidh crìoch a chur air an digiteadh, b’ e tlachd mhòr a bh’ ann film den phòsadh aice ann an 1968 ri Dòmhnall Ailig (Splash) a shealltainn do Ghloria, rud nach fhaca i riamh roimhe.

A’ cleachdadh fhilmichean air an tasgadh, tha e san amharc aig FilmUibhist cuideachd aithriseachd fhada,  FÀGAIL BHEÀRNARAIGHa dhèanamh cuideachd a bhios na sgrùdadh tiamhaidh is drùidhteach air a dè bha e a’ ciallachadh, agus dè tha a’ ciallachadh fhathast, do dhaoine, boireannaich gu h-àraidh, gun robh aca ri eilean an dùthchais fhàgail gus foghlam fhaighinn, dol an ceann cosnaidh agus an slighe a dhèanamh san t-saoghal.