Gu ruige cho fada ri 1979 cha deach ach beagan ìomhaighean gluasadach air an sgaoileadh gu poblach air an cruthachadh anns no mu na h-Eileanan Siar seach sealladh dhaoine bhon taobh a-muigh a chruthachadh, mas e ‘s gun deach gin dhiubh. Air a’ char a b’ fheàrr, chruthaich an cion seallaidh is cànain dhùthchasaich seo riochdachadh aineolach agus gu tric romansach no le fearas-mhòr de shaoghal nan eilean.
Tha FilmUibhist ag obair le Comainn Eachdraidh Innse Gall gus a h-uile seann fhilm a chaidh a dhèanamh anns no mu Innse Gall a thoirt còmhla.
A bheil filmichean aosta bhon taigh agad sa phreasa mu Innse Gall?
Tro FHAODAIL, is e as adhbhar dhuinn cothrom a thoirt air cruinneachadh ìomhaighean gluasadach de na h-Eileanan don phoball san fharsaingeachd tro chlàr air a ghleidheadh air an Lìon le ionadan-ruigsinn ann an taighean-tasgaidh, sgoiltean, leabharlannan, ionadan-dualchais is ionadan-ealain nan eilean, cho math ri clàran nan Comann Eachdraidh air an Lìon.
Cumaidh FAODAIL cuideachd taisbeanaidhean poblach, tachartasan-cuimhneachaidh agus cruthaichidh e pròiseact ùra film, a’ cleachdadh seann fhilmichean gus mìneachadh às ùr a thoirt air seann fhilmichean bho sheallaidhean eileanaich an latha an-diugh. Bheir an goireas seo agus na h-ìomhaighean is an lèirsinn a bheir e seachad air beatha, obair is cluich nan eileanach san 20mh linn cothrom air tasgadh a bhios prìseil fhèin do na ginealaichean romhainn.
Ann an 2019 fhuair sinn maoineachadh-sluaigh digiteadh cruinneachadh fhilmichean Super8 le Anna Dhòmhnallach Chnoc na Lùib a nochd stuth-aithriseachd mìorbhaileach mu chroitearachd is nàdar ionadail sna 1970an is toiseach nan 1980an (agus flamingo air Loch Bharbhais!):
Tha an cruinneachadh cuideachd a’ nochdadh nithean eile an lùib beatha nan eilean bho latha gu latha, le stuth mu chuairtean-cladaich le Bun-sgoil nan Ceallan agus obair-sgoile an dèidh làimhe.
Aig toiseach of 2021 rinn sinn digiteadh cuideachd de chruinneachadh film 8mm a chaidh a thogail ann am Beàrnaraigh bho 1960 gu 1978, air a thoirt mar dhìleab le Gloria NicFhilip a tha a’ fuireach anns an eilean. Agus e air a thogail le muinntir Scott, càirdeach do mhuinntir MhicFhilip, air làithean-saora bliadhnail ann am Beàrnaraigh thairis air fichead bliadhna, tha am film na phlathadh beothail is drùidhteach air an t-saoghal ann am Beàrnaraigh mus deach an cabhsair ga cheangal ri Uibhist a Tuath a thogail. An dèidh crìoch a chur air an digiteadh, b’ e tlachd mhòr a bh’ ann film den phòsadh aice ann an 1968 ri Dòmhnall Ailig (Splash) a shealltainn do Ghloria, rud nach fhaca i riamh roimhe.


A’ cleachdadh fhilmichean air an tasgadh, tha e san amharc aig FilmUibhist cuideachd aithriseachd fhada, FÀGAIL BHEÀRNARAIGH, a dhèanamh cuideachd a bhios na sgrùdadh tiamhaidh is drùidhteach air a dè bha e a’ ciallachadh, agus dè tha a’ ciallachadh fhathast, do dhaoine, boireannaich gu h-àraidh, gun robh aca ri eilean an dùthchais fhàgail gus foghlam fhaighinn, dol an ceann cosnaidh agus an slighe a dhèanamh san t-saoghal.