Tha Taigh-tasgaidh agus Ionad-ealain Thaigh Chearsabhagh a’ cur air adhart dualchas, ealainean lèirsinneach agus Gàidhlig ann an Uibhist a Tuath. Sna taighean-taisbeanaidh agus san taigh-tasgaidh chliùiteach againn the prògram smaoineachail beothail againn de thachartasan cultarail fad na bliadhna don choimhearsnachd ionadail againn agus don iomadh neach-turais a bhios a’ tadhal air an eilean.

Tha sinn a’ cur an làthair thaisbeanaidhean ealainean lèirsinneach agus dualchais a bhuineas dhan latha an-diugh, thachartasan bàrdachd is litreachais is ciùil, cho math ri fèisean is co-labhairtean beaga. Tha sinn a’ toirt seachad seirbheis dheatamach don choimhearsnachd againn le bhith a’ cumail oifis a’ phuist gu h-ionadail. Tha an cafaidh againn na meadhan trang far a bheil daoine a’ coinneachadh. Tha sinn cuideachd a’ cumail is a’ cuideachd nan cùrsaichean-ceuma sna h-ealainean lèirsinneach aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean / Colaiste a’ Chaisteil.
Tha muinntireas an luchd-ealain agus prògram nam buidhnean-obrach ag amas air a’ choimhearsnachd againn a’ cur ris an obair air a taisbeanadh anns na taighean-taisbeanaidh agus san taigh-tasgaidh againn. Tha e mas amas aig obair Thaigh Chearsabhagh gu sònraichte cànan is cultar na Gàidhlig a th’ aig cridhe ìomhaigh Uibhist a Tuath a riochdachadh.