Seachdain Seachad
‘S mise Sgàire Uallas, is tha mi dìreach air a’ chiad seachdain agam a chur seachad an seo aig Taigh Chearsabhagh, nam neach-trèanaidh film is ealain lèirsinnich airson na bliadhna. Mar sin, saoileam gum b’ fhiach mìneachadh a thoirt seachad, an dà chuid mu mo dheidhinn fhìn agus mu dheidhinn na bhios mi a’ dèanamh san eilean, mar thoiseach tòiseachaidh dhan bhloga ùr tha seo.
Sa chiad dol a-mach, ‘s e Canadach a th’ annam is dh’ionnsaich mi na th’ agam den a’ Ghàidhlig leam fhìn thall an Ontario. Thòisich mi nuair a bha mi sia bliadhna deug a dh’aois, ‘s mi airson beagan òran a thuigsinn. Bu bheag a bha dh’fhios agam an uair sin gun rachadh mo bheò-ghlacadh leis a’ chànain ‘s a cultar, gun sluigeadh i mòr-chuid m’ inntinne, agus gum bithinn an ceann sia bliadhna eile air imrich a dh’Uibhist a Tuath agus ag obair ann an saoghal na Gàidhlig. Ach tha e coltach gum b’ ann mar sin a thachair, ged a tha e fhathast gun drùdhadh a-steach orm gu tur. ‘S ann a chuir na h-òrain ud car ann an slighe mo bheatha, ach tha mi glè thoilichte gun do chuir.
Co-dhiù, cha do ràinig mi an t-eilean gus an 9mh den L?nastal. Tha dòighean an eilein uime sin gu math diofraichte dhomh, ‘s mi air an corr dhem bheatha a chosg ann an Ontario. Tha mi fhathast a’ fàs cleachdte ris an t-suidheachadh-sa. Ach abair thusa gu bheil e a’ còrdadh rium gu ruige seo. Taobh a-staigh na ciad seachdaine dh’fhiosraich mi iomadh rud ùr is annasach. Chaidh mi a thogail mhuirsgean – bha sin math dha-rìribh. Bhlais mi orra – cha robh sin cho math idir. Ach thog mi bucaid shrùban cuideachd, agus mura cumadh dad sam bith eile mi ri fuireach san eilean, gu dearbha chumadh iadsan! Iongantasan beaga th’ annta, gan spìonadh às an tràigh. Ann an Ontario ged a chladhaicheadh tu gu Sìona chan fhaigheadh tu ri ithe ach cnuimhneagan is dallag neo dhà. Ach tha mi air a dhol far mo rathaid a-nise.
A thaobh obrach, bha mi an toiseach a’ cur fho-thiotalan ri film mu iasgairean ghiomach ann an Griomasaigh. B’ ann an sin a fhuair mi mi mo chiad bhogadh ann an deagh Ghàidhlig nan Tuathach, ged a bha rud ann a dh’fhairtlich orm a thuigsinn a’ chiad triop a chuala mi e. B’ e sin “cliobhar” air a chleachdadh mar “luath” is am fear a thuirt e a-mach air bàta. Leis nach robh am facal sin a’ ciallachadh dhomhsa ach gun robh cuideigin luath na inntinn, thug sin stad orm fad greis, gus an cuala mi a-rithist e. Ach aidichidh mi gur e cleachdadh cliobhar an fhacail “cliobhar” a tha sin, is tha mi an dùil a bhith ga chleachdadh cho cliobhar ‘s a ghabhas!
A bharrachd air a sin, chaidh mi fh?n is Andy suas chun a’ chidhe, latha m?r an ecsoduis, a chlàradh airson film aithrisich air na cuirmean-ciùil mu dheireadh aig Runrig. Chuir mi eòlas gu leòr air beatha leòmach an fhilmeadair nuair a bha sinn bog fliuch is gar briosgadh a-null ‘s a-nall leis a’ ghaoith! Ach bu choma leam sin, oir bha e math a bhith bruidhinn ri beagan de na nàbaidhean ùra agam, gu h-àraid air cuspair is còmhlan a tha gu follaiseach cho dlùth rin cridhe.
B’ e puing-dheiridh mo chiad seachdaine an taigh-ciùil a chum sinn an seo aig Taigh Chearsabhagh air oidhche Haoine. Chualas seinn bhinn Kirsty Law, is thòisicheadh an cèilidh le òrain thogarrach bho Bhuidheann Luadh Uibhist. Ma dh’fhaoidte gun deach fiù ‘s mi fhìn an sàs aig a’ bhòrd fad mòmaide, ach ‘s math dhuinn uile nach do thogadh fianais filme neo fuaime dhen a sin!
Chì sinn, agus innsidh mi dhuibhse, ciamar a bhitheas na 51 seachdainean a tha fhathast air thoiseach orm…