Cothroman agus dreuchdan bàna

DREUCHD BHÀN: Manaidsear a’ Chafè

Tha sinn a’ siubhal cuideigin èasgaidh a thigeadh an lùib sgioba TC. Cuideigin a choimheadadh air an obair seo mar chothrom leasachaidh; cuideigin a tha aoigheil, dìcheallach, sgairteil agus a tha titheach air bèicearachd agus biadh math às an sgìre a th’ air a dheagh thaisbeanadh.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun obair ann am Pasgan Tagraidh Manaidsear a’ Chafè. Cuir brath gu [email protected] neo [email protected] neo thig a-steach a dh’iarraidh am pasgan.

Latha dùnadh thagraichean; 30mh am Màrt, 2018

An cois an tagraidh, nach cuir thu:

  • Litir chòmhdaich no post-d ag innse carson a bu mhath leat an obair.
  • Reasabaidh inntinneach a dh’fhaodadh an Cafè a thabhainn;
  • An tagradh ’s e air lìonadh:

Bidh an obair airson 35 uairean san t-seachdain, le 1-2 DiSathairne sa mhìos, agus 2 latha dheth san t-seachdain.

Bidh tuarastal ann, £16k-£19k a rèir eòlais.

Feumaidh deagh sgilean bèicearachd, bhiodh Gàidhlig na buannachd.

 

Neach-trèanaidh Film is Ealain Lèirsinneach Gàidhlig

Ceann-latha: 31 Màrt 2018 aig 12:00

Tha Ionad Ealain is Taigh-tasgaidh Thaigh Chearsabhagh ag iarraidh Neach-trèanaidh Film is Ealain Lèirsinneach Gàidhlig fhastadh.

Bidh an obair seo stèidhichte aig an Ionad Ealain is Dualchais againn ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath. Bidh an neach-trèanaidh ag obair cuide ris a’ Mhanaidsear Ealain againn, a tha na stiùiriche cruthachail aig UistFilm, airson grunn phròiseactan film a leasachadh ann an 2018.

Tha sinn a’ sireadh cuideigin aig a bheil –
• Spionnadh
• Dealas
• Sgilean Gàidhlig
• Ùidh ann am film is telebhisean
• Ùidh anns a’ Ghàidhlig is cultar nan Gàidheal
• Deòin airson ionnsachaidh

Prìomh sgilean a thathar a’ sireadh;
• Neach-labhairt Gàidhlig agus sgilean sgrìobhaidh sa Ghàidhlig
• Mion-eòlach air an t-saoghal dhidseatach – sgilean math coimpiutaireachd
• Ùidh ann am film na buannachd
• Eòlas air sgilean camara is fuaim na bhuannachd

  • Ùidh anns na h-ealainean
    • Ùidh ann an cultar is dualchas nan Eilean
    • Sgilean conaltraidh mathGheibhear cothroman ionnsachaidh sna sgilean a leanas;
    • Obair camara
    • Clàradh fuaim
    • Deasachadh
    • Sruth-obrach didseatach, stiùireadh dàta, tasgadh didseatach
    • Sgrìobhadh thagraidhean is choimiseanan
    • Sgilean gleidhidh is obair an lùib nan taisbeanaidheanBidh sinn a’ stiùireadh is a’ trèanadh mar as iomchaidh, gu h-àraid a thaobh –
    • Misneachd a neartachadh
    • Sgilean conaltraidh
    • Sgilean taisbeanaidh
    • Sgilean planaidhTha 35 uairean-obrach san t-seachdain agus tuarastal de £15,500 sa bhliadhna an lùib na dreuchd seo. Bidh i stèidhichte air cùmhnant 1 bhliadhna an toiseach. Feumar beagan obair air an oidhche is aig an deireadh-sheachdain a dhèanamh mar a thèid iarraidh.Cothroman gu leòr coinneachadh ri agus obair cuide ri luchd-ealain, luchd-ciùil, luchd-film is eòlaichean dualchais.

Cuir cunntas-beatha is litir a tha a’ mìneachadh dè an ùidh a th’ agad san obair is dè cho freagarrach ’s a tha thu air a son gu [email protected].