Is e Loch nam Madadh an t-ainm a th’ air an dà chuid loch-sàile agus an tuineachadh as motha ann an Uibhist a Tuath. Ro Loch nam Madadh cha robh ann an Loch nam Madadh ach acarsaid, ach tè den fheadhainn a b’ fheàrr ann an Alba. Ann an 1741, chaidh Taigh Chearsabhagh a thogail mar thaigh-òsta gus àite-fuirich beag cofhurtail a thoirt don iomadh neach-siubhail a chleachdadh an acarsaid airson malairt anns na h-eileanan.

Eadar 1800 agus 1900, dh’fhàs Loch nam Madadh fad na tìde agus ro mheadhan na linne bha e air fàs na ionad airson conaltraidh, malairt is rianachd airson nan Eilean A-muigh gu lèir deas air Leòdhas. Ann an 1804, tha iomradh air Taigh Chearsabhagh mar an t-àite far an rachadh am màl ann an Uibhist a Tuath a phàigheadh, air latha-fèille na sgìre, ‘s e as coltaiche:
Ràinig sinn Loch nam Madadh. Bha an taigh, agus a h-uile h-àite mun cuairt air, a’ cur thairis le beagan cheudan de thuath an Dòmhnallaich, a bha air tighinn cruinn còmhla gus am màl a phàigheadh. Abair buidheann inntinneach, agus na bh’ ann de dh’annas air an dithis charaid agam a leithid de dh’àireamhan fhaicinn ann an àite a bha iad air meas mar fhàsach borb gun a bhith iomchaidh gus beatha na h-inntinn a bhiathadh.
(Earrann – Cuairt air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan Siar, Seumas Hogg, 1804.)
Ann an 1802 chaidh Oifis a’ Phuist a stèidheachadh ann an Loch nam Madadh aig Taigh Chearsabhagh. Bha seo na cheum deatamach ann an àrdachadh inbhe Loch nam Madadh. Bha e a-nis mar cheann-uidhe soitheach-toite Uibhist, a bha roimhe sin air post a thoirt bho thìr-mòr, rathad Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach, gu baile beag Chàirinis air taobh an iar-dheas Uibhist a Tuath.
An toiseach, chùm Loch nam Madadh air fo sgèith Dhùn Bheagain, ach ann an 1843, chaidh Loch nam Madadh a dhèanamh na bhaile-puist: le màileid dhìreach le Dùn Èideann, agus de chumhachd òrdain-airgid a chur a-mach is a phàigheadh. An dèidh seo, chaidh a leudachadh gu luath. Ghlacadh fir-phuist, no gillean-ruithe, am post bho Loch nam Madadh gu lìonra nan oifisean beaga a bha air nochdadh ann an Uibhist a Tuath is a Deas agus ann am Barraigh. Chaidh Loch nam Madadh a dhèanamh mar Oifis mhòr a’ Phuist airson nan eilean a deas air fad.
Tha an ceangal ri seirbheis a’ phuist aig Loch nam Madadh fhathast an-diugh aig Taigh Chearsabhagh far a bheil Oifis a’ Phuist ag obair sia là san t-seachdain mar phàirt de na seirbheisean poblach anns an togalach.
Ann am meadhan na 19mh linne, bha mo sheanair air taobh mo mhàthar, Coinneach Boyd, air fhastadh mar am post eadar Loch nam Madadh, Càirinis agus Beinn a’ Bhaoghla. Choisicheadh e gu Loch nam Madadh bhon dachaigh aige ann an Càirinis a choinneachadh ri soitheach na toite. Uaireannan bha aige ri feitheamh fad trì là.Thogadh e uair an uair sin leis a’ phost gu Càirinis air na casan agus mar a bu thrice ghabhadh e an rathad aithghearr thairis air a’ mhòintich gu Loch Euphort, far an rachadh aiseag a-null le bràthair a bha a’ fuireach anns an sgìre. Chumadh e air an uair sin gu Càirinis, a’ liubhairt màileid a’ phuist aige aig Oifis a’ Phuist ann.An làrna-mhàireach, choisicheadh e à Càirinis thairis air an Fhadhail a Tuath gu Beinn a’ Bhaoghla leis a’ phost do na h-eileanan mu dheas. Co-dhiù aon turas, chaidh ionnsaigh a thoirt air is e a’ cur ri chuid dhleastanasan agus gus a dhìon fhèin chaidh inneal-sgoltaidh chlaigeann a thoirt dha, chaidh innse dhomh gum b’ e maide-fiodha le cnapan-pràise a bh’ ann.
(Earrann – Loch nam Madadh 1900-1970, Boyd Robasdan.)
Aig toiseach na 20mh linne, bha Loch nam Madadh air fàs mar ionad mòr dripeil Uibhist a Tuath, agus mar dhoras do na coimhearsnachdan sa chuid dile den eilean:
Ann an Loch nam Madadh, tha piànothan, agus seòmraichean-cuideachd, agus srùbagan san fheasgar, agus bidh daoine a’ tadhal ort, agus a’ fàgail nan cairtean aca, agus a’ togail dhealbh, agus a’ leughadh nam pàipearan-naidheachd, agus tha iad còir is càirdeil, agus nan cuimhneachan fallain mu chuid de dhleastanasan is de thlachdan na beatha mar as àbhaist.
(Earrann – Na h-Eileanan A-muigh, Ada Goodrich Frier, 1902.)