Home > Mu Ar Deidhinn > Eachdraidh

Eachdraidh

Thòisich Urras Taigh Chearsabhagh ann an 1993 mar chompàirteachas eadar Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath (CEUT) agus Comann Ealain Uibhist (UAA), le fosgladh Taigh-tasgaidh agus Ionad Ealain Taigh Chearsabhagh ann an 1995. Thairis air an fhichead bliadhna a dh’fhalbh, tha an taigh-tasgaidh agus an t-ionad air fàs nan soirbheachas, air an stiùireadh le Bòrd Urrasairean agus air an obrachadh le luchd-obrach sgileil dìleas.

Tha Oifis a’ Phuist an cois an ionaid cuideachd, cho math ri bùth agus café, a lìonas le luchd-turais as t-samhradh agus le muinntir na sgìre sa gheamhradh. Tha e na ghoireas sòisealta cudromach don choimhearsnachd sna mìosan dorcha. Tha a’ bhuidheann againn a’ fastadh 14 luchd-obrach ann an obraichean deagh-inbhe fad-bliadhna ann an eaconamaidh dhùthchail bhrisg. Mar sin, bidh a’ bhuidheann a’ tabhainn seirbheis shònraichte de dh’eòlasan cultarail cruthachail don choimhearsnachd ionadail agus don luchd-turais, cho math ri bhith toirt buaidh mhath air eaconamaidh agus beòthalachd shòisealta na sgìre.

Thogadh Taigh Chearsabhagh mar thaigh-òsta ann an 1741 le Niall MacIllEathain (marsanta). B’ e aon de na ciad ghnìomhachasan ann an Uibhist a Tuath air an robh mullach sglèat. Thathar den bheachd gur ann an Taigh Chearsabhagh a chaidh ciad Oifis a’ Phuist Loch nam Madadh a chur ann an 1802, agus tha i an sin fhathast.

Uaireigin an dèidh 1900, chaidh an togalach a dhèanamh na thaigh, agus an uair sin na bhùth-obrach do dh’Oighreachd Uibhist a Tuath. Ann an 1993, chaidh a sgeadachadh às ùr na Thaigh-tasgaidh agus Ionad Ealain.

Taigh Chearsabhagh ann an 1994.