Bu mhath leinn neach-cumail leabhraichean a bhios ga b(h)rosnachadh fhèinfhastadh gu pàirt-ùineach gus cunntasan Taigh-tasgaidh is Ionad-ealain ThaighChearsabhagh a làimhseachadh bho là gu là, a’ dèanamh cinnteach gu bheil na h-ionmhasan cruinn agus air an rianachd gu h-èifeachdach.
A’ buntainn ris an dreuchd seo tha:
Cumail Leabhraichean agus Rian air Creideas: Uallach airson nan dleastanasan uile an lùib cumail leabhraichean a’ cleachdadh Quickbooks Online, nam measg:
• A’ clàradh nan tar-ghnìomhan ionmhasail uile
• A’ cumail leabhraichean-cunntais na companaidh
• A’ sgaoileadh fhàirdealan-reic, a’ cumail suas leabhar-cunntais nan reic agus a’ cumail sùil air fèichearan
• A’ cur pàigheadh nam fàirdealan-ceannaich air dòigh agus gan cur a-mach sa phost
• A’ cruthachadh tilleadh VAT (le cuideachadh air an taobh a-muigh air Group Return)
• A’ rèiteachadh nan cunntas-riaghlaidh uile
• A’ cumail sùil air sruth an airgid agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil maoin gu leòr ann daonnan airson nam pàighidhean a tha air fàire
• Ag ullachadh clàr nam maoin suidhichte aig deireadh na bliadhna agus a’ postadh irisean an ìsleachaidh
• A’ cuideachadh Stiùiriche a’ Ghnìomhachais is an Leasachaidh le ullachadh nan cunntas-rianachd ràitheil agus aig deireadh na bliadhna
• Ag ullachadh fiosrachadh a bhios a dhìth air luchd-breithneachaidh neo-eisimeileach nan cunntas bliadhnail
• A’ toirt seachad taic rianachd is chlèireachail san oifis a rèir mar a bhios feum
• Dleastanasan cumail leabhraichean a bharrachd air an sònrachadh leis an luchd-stiùiridh
• A’ cumail suas mion-airgead
Rola-pàighidh agus Peinnseanan
• Dèan ceangal ri luchd-solair rola-pàighidh air an taobh a-muigh air an rola-phàighidh mhìosail
• Thoir pàigheadh lom tuarastail dhan luchd-obrach
• A’ toirt a’ phàighidh a tha a dhìth do Choimiseanairean Teachd-a-steach A Mòrachd ann an deagh-àm
• Fiosrachadh mun rola-phàighidh mhìosail a chur ann an siostam Quickbooks
Riatanach
• Air a bhith ag obair a’ cumail leabhraichean fad 3 bliadhna air a’ char as giorra.
• A bhith eòlach air a bhith a’ gabhail ceannais nad aonar air ionmhasan buidhne bho là gu là – carthannas gu sònraichte.
• Teòma air IT – gu h-àraidh Microsoft Office agus duilleagan-clèithe.
• Comas fiosrachadh ionmhasail a thoirt mar thaic ri togail-airgid agus rianachd thabhairtearan.
• Comas a bhith ag obair air sgioba beag agus deònach cuideachadh ann an raon farsaing de dhleastanasan an taobh a-muigh tuairisgeul fhoirmeil na h-obrach: tha dealas agus deòin a bhith ag ionnsachadh riatanach
Ion-mhiannaichte
• Tuigse air feumalachdan a thaobh cunntasan is aithisgean bhuidhnean-carthannais.
• Comas beagan sgrùdaidh ionmhasail a dhèanamh, gus claonaidhean a chomharrachadh agus ceistean a fhreagairt.
• Comas cunntasan, buidseatan, ro-aithrisean agus aithisgean a tha cruinn is mionaideach a chur ri chèile do dh’fharsaingeachdluchd-cleachdaidh, a rèir chlàran-ama.
• Eòlas air Quickbooks Online
Buadhan Pearsanta
• Eagraichte, rianail is mionaideach.
• Goireasach, a’ gabhail tlachd à uallach, dealas agad mu chàileachd, comasach air breitheanas slàn.
• Rùn a thaobh co-ionannachd chothroman.
• Sàr-sgilean conaltraidh.
Tuarastal £20,000, co-ionann ri £12,00 a rèir trì là san t-seachdain.
Cothrom tro dheasbad air uairean-obrach sùbailte agus obair bhon taigh.
Ceann-latha deireannach nan iarrtasan: Dihaoine 30 Dàmhair. Agallamhan: Dimàirt 3 Samhain. Là-tòiseachaidh: bho Dhiluain 16 Samhain a-mach.
Gus iarrtas a dhèanamh, cuir CV agus litir ag innse dhuinn carson a bhiodh tu freagarrach airson na h-obrach seo gu: recruitment@taigh-chearsabhagh.org Thèid gach iarrtas aithneachadh.