Home > Mu Ar Deidhinn > Cànan is cultar na Gàidhlig

Cànan is cultar na Gàidhlig

Agus e air a chur ri chèile an toiseach le taic bho Shabhal Mòr Ostaig agus bho Bhòrd na Gàidhlig, tha Taigh Chearsabhagh a’ breithneachadh is ag ùrachadh a’ Phlana Ghàidhlig aige an-dràsta. Tha e san amharc againn an sgrìobhainn seo a sgaoileadh às ùr san Giblean 2022.

Tha Taigh Chearsabhagh an geall air Gàidhlig a chur air adhart tro na prògraman is na cur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh aige. Faodaidh e bhith na dhùbhlan mìneachadh iomchaidh san dà chànan a bheir ruigsinneachd chothromach air a’ chànan a chruthachadh. Tha farsaingeachd ìrean de chomas Gàidhlig aig daoine. Tha mòran a’ bruidhinn a’ chànain gu fileanta ach chan eil iad a’ leughadh no a’ sgrìobhadh Gàidhlig le misneachd.

An dèidh goireas air an Lìon a chruthachadh do luchd-cleachdaidh gus ceangal ri susbaint Ghàidhlig, tha e san amharc againn fuaim a chur air an làraich-lìn, gus am faodar an cànan a chluinntinn le eadar-theangachadh bunaiteach na chois. Tha cruinneachadh luachmhor de stuth clàraichte aig Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath a bhios mar phàirt den phròiseact sònraichte seo de stuth-èisteachd air an Lìon. Tha a bhith a’ cluinntinn a’ chànain ga labhairt le luchd-dùthchais a’ cur inneach is doimhneachd ri ciall is brìgh nam facal.

Tha Gàidhlig na pàirt bunaiteach de bheatha is de dh’ ìomhaigh Uibhist a Tuath agus Innse Gall. Bidh sinn a’ brosnachadh dhaoine gu mòr èisteachd ri, ionnsachadh mu dheidhinn agus eòlas a chur air fuaimean a’ chànan agus le seo tuigse nas fheàrr fhaighinn air cultar do-bheantainn nan eilean seo.

Mar a tha Dòmhnall Ruadh Chorùna ag innse dhuinn san dàn aige D’on Ghàidhlig:

An uair nì craobh na Gàidhlig
Tighinn am bàrr gun chall,
Bidh gach àit’ tha fàs
Loma-làn le clan;
Cha bhi port gun bhàt’ ann,
Cha bhi bàgh gun bhall,
Muileann is sloc sàbhaidh
‘S each an sàs an crann.