Na h-Ealainean

Tha am prògram cruthachail againn suidhichte fo chomhair àrainnachd agus cultar sònraichte Eilean Uibhist, a’ toirt stèidh agus dùthchas air leth ris.

Tro ghreisean-mhuinntireis, rannsachadh, coimiseanan, tachartasan agus prògraman poblach, bidh Taigh Chearsabhagh a’ tabhainn chothroman barraichte airson cnuasachadh, cruthachalachd agus compàirteachas, a’ cur ri prògram nan ealan lèirsinnich a tha tarraingeach, beòthail agus measgaichte.

Ann an Innse Gall, seach cuid de choimhearsnachdan eile, tha sinn air ar ceangal dhan àrainneachd gu mòr. Tro bhuaidh a’ cheangail seo bidh sinn a’ rannsachadh agus a’ sgrùdadh nan crìochan eadar ealain, cultair, àrainneachd agus so-sheasmhachd.

Bidh sinn a’ leasachadh prògram de thaisbeanaidhean air farsaingeachd chuspairean, eadar an ealain co-aimsireil a b’ fhèarr à Alba agus thall fairis, agus luchd-ealain is luchd-ciùird nan Eilean.

Tha Taigh Chearsabhagh air leth am measg ionadan ealain cho-aimsireil eile ann an Alba, le bhith a’ tabhainn, tro Cholaisde a’ Chaisteil UHI, an dà chuid Teisteanas Nàiseanta ann an Ealain & Dealbhadh agus làn Cheum 4-bliadhna ann an Ealain Fhìnealta, suidhichte aig an ionad.