Tha àrainneachd nan Eilean Siar agus dualchas làidir na bàrdachd ann nam brodadh dha-rìribh do phrògram na bàrdachd agus sgrìobhaidh chruthachail a thathar a’ cur an làthair aig Taigh Chearsabhagh. Tha oidhcheannan cunbhalach bàrdachd agus buidheann-sgrìobhaidh bheothail gan cur air dòigh le buidheann bheag de luchd-taice dealasach. Tha an club leughaidh Gàidhlig againn, DUILLEAG, fosgailte do leughadairean ùra le ùidh sa Ghàidhlig, ge bith dè an comas leughaidh a th ’ann.
Oidhche Dhiardaoin na Bàrdachd
Tha na h-oidhcheannan bàrdachd seo gan cumail sa gheamhradh air an Diardaoin mu dheireadh den mhìos aig 7.30f. A bharrachd air cuireadh cunbhalach do bhàird air aoigheachd tighinn a leughadh is a dh’aithris na bàrdachd aca, bidh sinn a’ leughadh is a’ bruidhinn mu na dàin aig sgrìobhadairean air an taghadh no a’ sgrùdadh earrannan à dàin le cuspairean sònraichte.
Tha fàilte air a h-uile duine tighinn dhan na h-oidhcheannan càirdeil neo-fhoirmeil seo. Math dh’fhaodte gum bu mhath leat dàn air cuspair na mìos a leughadh a-mach no dìreach tighinn agus tlachd a ghabhail a bhith ag èisteachd ri saothair bharraichte ga h-aithris agus ga deasbad. Thig agus gabh cothrom cunbhalach fois a ghabhail le tè-bheag agus tlachd a ghabhail à brod de bhàrdachd ann an deagh-chuideachd.
Buidheann nan Sgrìobhadairean
Seo buidheann a tha gu math càirdeil is neo-fhoirmeil a tha ag iarraidh sgrìobhadh air iomadh adhbhar eugsamhail is inntinneach. Bidh a h-uile coinneamh a’ tòiseachadh le eacarsaich a nì sgrùdadh air rud air choreigin ceangailte ri sgrìobhadh. Bidh a’ bhuidheann an uair sin a’ nochdadh is a’ deasbad nan toraidhean air an cruthachadh. Tha am modh-obrach seo ga chleachdadh gu tric mar thoiseach-tòiseachaidh gus saothair ùr a chruthachadh is a sgrùdadh.
San dara cuid den fheasgar, bidh buill na buidhne a’ nochdadh eileamaidean den phròiseact air a bheil iad ag obair an-dràsta, rud a bheir cothrom dhaibh an t-saothair aca a chur an làthair agus a chur gu deuchainn do luchd-èisteachd nas fharsainge a dh’èisteas le aire is meas.
Ma tha thu ag mas air a bhith nad sgrìobhadair no ma tha thu air beachd a ghabhail aig àm sam bith gum bu mhath leat feuchainn, ‘s dòcha gun cuireadh na cur-seachadan seo rud beag den fhiamh ort, ach na leig le seo stad a chur ort tighinn còmhla rinn. Tha a’ bhuidheann againn gu math càirdeil is taiceil!
Aithris le A Pauline Prior-Pitt airson WARWICK WORDS 2020, air a chlàradh aig Taigh Chearsabhagh le FilmUibhist:
DUILLEAG Club Leughaidh
‘S e DUILLEAG an club leughaidh againn le fòcas air litreachas Gàidhlig, no sgrìobhadh a tha a’ ceangal ri cànan Gàidhlig ann an dòigh air choreigin. Bidh sinn a’ coinneachadh gach dàrna mìos gus coinneachadh ri ùghdaran agus beachdachadh air na teacsaichean a thagh sinn.
Gus cluinntinn mu thiotalan san àm ri teachd, agus còdan lasachaidh fhaighinn airson tiotalan cluba leabhraichean, cuir d ’ainm a-steach gu liosta puist DUILLEAG.
Tha DUILLEAG fosgailte dhan h-uile duine, a’ toirt a-steach an fheadhainn às aonais Gàidhlig. Gluaisidh na còmhraidhean eadar Beurla agus Gàidhlig, agus faodar cuid de rudan a ràdh gun eadar-theangachadh an dàrna cuid.