Home > Na h-Ealain > Àite-obrach Clò-bhualaidh & Seòmar Dorcha

Àite-obrach Clò-bhualaidh & Seòmar Dorcha

Series of 4 black and white photos of people at work in the Print Workshop and Dark Room

Tha Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmar Dorcha Thaigh Chearsabhaigh fosgailte ri chleachdadh, agus gan ruith gun phrotaid, airson luchd-ealain agus luchd-deilbh. Tha na stiùideothan seo air an ùrachadh gus àite-obrach phroifeiseanta a thabhann do luchd-cleachdaidh aig gach ìre eòlais.

Tha an Seòmar Clò-bhualaidh air a sgeadachadh airson dòighean-obrach neo-thogsaigeach, a’ cleachdadh modh-obrach eitseachadh a sheasas ri aicriolaig air beart-chlò Rochat 21” x 40”. 

Tha an Seòmar Dorcha uidheamaichte airson leasachadh is clò-bhualadh ann an riochd beag, meadhanach is mòr.  Tha dà inneal-meudachaidh ann, DeVere 504 agus Durst 670 do Dhathan.

Cuiribh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org ma tha ceistean sam bith agaibh mun Àite-obrach Clò-bhualaidh no Seòmar Dorcha.


Ballrachd Bhliadhnail agus Cosgais Sheiseanan

Tha seo a’ gabhail a-steach cleachdadh an dà chuid an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an Seòmar Dorcha.

Mar bhall, tha cothrom agaibh cuideachd suas ri 8 dealbhan no clò-bhualaidhean a thaisbeanadh air duilleag gailearaidh air làrach-lìn Thaigh Chearsabhaigh. Cha ghabh ach clò-bhualaidhean (etching, monotype, lino, cyanotype, collagraph, drypoint, photo-polymer) no dealbhan dubh is geal a chur dhan ghailearaidh air-loidhne seo. Bidh àite fa leth aig gach ball airson na h-obrach aca fhèin, le ceangal gu làrach-lìn freagarrach sam bith.

Cosgais Bhallrachd

Ballrachd Aon Bhliadhna £50.00

Ballrachd Aon Bhliadhna, le lasachadh £25.00 (Daoine a tha a’ faighinn taic teachd a-steach, Peinnsean no Creideas Coitcheann; Oileanaich; Daoine òga (16-25 bliadhna a dh’aois); Daoine ciorramach, le neach-cùraim a’ faighinn a-steach an-asgaidh.)

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn gabhail ballrachd agus pàigheadh air a shon, luchdaich a-nuas am foirm gu h-ìosal. Gheibh sibh am foirm pàiper aig bùth Thaigh Chearsabhaigh cuideachd.

Cosgaisean Inntrigidh

Tha seiseanan treànaidh inntrigeadh riatanach mur a bheil sibh air fear seach fear de na stiùideothan a chleachdadh roimhe.  Tha na seiseanan cuideachd fosgailte do luchd-cleachdaidh aig a bheil eòlas ach a tha ag iarraidh na sgilean aca ùrachadh:  

Dian-sheisein ùrachaidh agus neach-cleachdaidh gun eòlas idir (seisean uair a thìde) £40.00 / Lasachadh £20.00

Ùrachadh agus neach-cleachdaidh le beagan eòlais (seisean uair a thìde) £30.00 / Lasachadh £15.00

Neach-cleachdaidh eòlach (seisean 15-30 mionaid) £15.00 / Lasachadh £7.00

Neach-cleachdaidh eòlach (seisean 10-20 mionaid) £10.00 / Lasachadh £5.00

‘S urrainn dhuibh pàigheadh tron bhanca – cuiribh fios gu Sonja Kenter-Rossi, Manaidsear Ionmhais Thaigh Chearsabhaigh, sonja@taigh-chearsabhagh.org, airson tuilleadh fiosrachaidh – no tadhalaibh sa bhùth againn.


Bùthan-obrach luchd-tòiseachaidh

Tha na bùthan-obrach do luchd-tòiseachaidh againn air an cur air dòigh leis a’ mhiann clasaichean ruigsinneach, spòrsail agus cruthachail a thabhann ann an Clò-bhualadaireach agus Dealbhadaireachd. Ge brith an e neach-tòiseachaidh a th’ annaibh no ma tha sibh nur neach-ealain a tha ag iarraidh dòighean-obrach ùra ionnsachadh, gheibh sibh eòlas air mar a chleachdas sibh an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus/no an Seòmar Dorcha le misneachd, gus an obair agaibh a leasachadh gu leantainneach.

An lùib na prìs, gheibh sibh na stuthan air fad a bhios a dhìth airson a’ chùrsa.  Tha a’ phrìs ag ìsleachadh a rèir cia mheud a tha a’ clàradh air gach cùrsa.  ’S urrainn dhuibh iarraidh ceann-là a tha freagarrach oirbh fhèin (b’ fheàrr leinn fios fhaighinn co-dhiù 3 latha ron àm).  Cuiribh postd gu taigh@taigh-chearsabhagh.org airson àite a ghlèidheadh.


Uairean fosglaidh

Airson buill a-mhàin:

Diluain – Disathairne, 8.00m – 8.00f

Seisean leth latha, 8.00m – 2.00f / 2.00f – 8.00f

Gun ballrachd:

Seisean madainn: 10m – 1f

Seisean feasgar: 1f – 4f


Dealbh dubh is geal air pìosan ealain clò-bhuailte, a' crochadh sìos.
Coir deilbhe: Rosie Blake

Cosgaisean Sheiseanan agus Stuthan 

A bharrachd air ballrachd bhliadhnail, feumaidh luchd-cleachdaidh cosgaisean sheiseanan a phàigheadh, a thèid a chur ri cosgaisean ruithe an Àite-obraich Clò-bhualaidh agus an t-Seòmair Dhorcha.   

Gheibh luchd-cleachdaidh: Inc dubh, cuid a cheimigean riatanach airson clò-bhualadh agus airson seòmair dhorcha, stuth-bleithte, pàipear-thana, ceimigich leasachaidh, càradh is stop-bath, agus cuid a stuthan glanaidh riatanach.

Gabhaidh stuthan eile airson clò-bhualaidh agus airson seòmair dhorcha a cheannach bho Thaigh Chearsabhagh (aig prìs a’ chosgais) – Inc dathte, pàipear clò-bhualaidh agus pàipear dealbhadaireachd, clàran meatailt agus film 35mm.

Prìsean do Bhuill

Seisean fad latha £10.00 / Lasachadh £5.00

Seisean leth latha £5.00 / Lasachadh £5.00

Pasgain Sheiseanan 

Gabhaidh pasgain an cleachdadh airson fad latha no measgachadh de leth làithean is làithean slàn. 

20 x seisean leth latha £50.00

10 x seisean leth latha £30.00

Prìsean do luchd-cleachdaidh gun bhallrachd:

Seisean tadhal a-staigh fad latha £20.00 / Lasachadh £10.00

Seisean tadhal a-staigh leth latha £10.00 / Lasachadh £ 5.00


Clàradh

  1. Thoiribh sùil air Mìosachain an Àite-obraich Clò-bhualaidh is an t-Seòmair Dhorcha airson faicinn a bheil na làithean a tha sibh ag iarraidh obrachadh sna stiùideothan rim faighinn. 
  2. Nuair a tha sibh air cinn-là freagarrach a lorg, cuiribh fios thugainn airson àite a ghlèidheadh, a bharrachd air fios mu dheidhinn ciamar a cheannaicheas sibh stuthan sam bith a tha a dhìth oirbh. Cuiribh fios gu: taigh@taigh-chearsabhagh.org ‘S dòcha nach fhaigh sibh freagairt sa bhad – bu chòir dhuibh planadh ron àm airson dèanamh cinnteach gum bi na goireasan seo gan ruith cho rèidh ’s as urrainn.
  3. Nuair a gheibh sibh dearbhadh bhuainn, bu chòir dhuibh pàigheadh air a shon air-loidhne (gheibh sibh am fios banca air am foirm ballrachd), no aig bùth Thaigh Chearsabhaigh.
Sreath de 4 dealbhan dubh is geal, de iteag agus dìthean.

Tha am fiosrachadh gu h-ìosal airson coimeas a dhèanamh air na cosgaisean againne agus cìsean àiteachan-obrach clò-bhualaidh eile: 

Soulisquoy Printmakers (Arcaibh) / Cosgais bhliadhnail £240.00 

Highland Print Studio / Cosgais bhliadhnail £65 (Inntrigeadh £35.00). Cosgais seisein £11.00/£5.50.

Glasgow Print Workshop / Cosgais bhliadhnail £100. Cosgais seisein £6.00.

Edinburgh Print Workshop / Cosgais bhliadhnail £100. Cosgais seisein £15.50/£12.70/£9.00.

Còir-deilbh: Nicola Neate, 2022