Home > Na h-Ealainean > Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an Seòmar Dorcha > Bùthan-obrach tòiseachaidh ann an Clò-bhualadh agus Dealbhadaireachd

Bùthan-obrach tòiseachaidh ann an Clò-bhualadh agus Dealbhadaireachd

Tha an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an Seòmar Dorcha ann an Taigh Chearsabhagh a’ tabhann àrainneachd chruthachail am meadhan Taigh-tasgaidh is Ionad Ealain thrang.  Tha an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh shuas an staidhre agus tha an Seòmar Dorcha fodha.  Tha an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh a’ coimhead thairis Gailearaidh 1.

Ma tha sibh nur neach-ealain agus ag iarraidh dòigh-obrach ùr ionnsachadh, no ma tha sibh dìreach a’ tòiseachadh, bheir na bùthan-obrach luchd-tòiseachaidh seo deagh thuigse dhuibh air mar a chleachdas sibh an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh agus/no an Seòmar Dorcha.  Gheibh sibh ionnsachadh a leigeas leibh na h-àiteachan-obrach seo a chleachdadh le misneach, gus an obair agaibh a leasachadh gu leantainneach.  Tha na cùrsaichean air an cur air dòigh leis a’ mhiann clasaichean ruigsinneach, spòrsail agus cruthachail a thabhann ann an Clò-bhualadaireach agus Dealbhadaireachd, do luchd-tòiseachaidh agus dhaibhsan a tha ag iarraidh barrachd leasachaidh.

An lùib na prìs, gheibh sibh na stuthan air fad a bhios a dhìth airson a’ chùrsa.  Tha a’ phrìs ag atharrachadh a rèir cia mheud a tha a’ clàradh air gach cùrsa – mar as motha a tha a’ gabhail pàirt, ’s ann as saoire a tha e do gach duine.

Bùthan-obrach 1 latha:

  • Tòiseachadh ann an Eitseachadh, a’ cleachdadh sinc agus stuth-bleithte cruaidh
  • Tòiseachadh ann an Eitseachadh, a’ cleachdadh sinc agus stuth-bleithte bog
  • Tòiseachadh ann am Mono Printing air True-grain
  • Tòiseachadh ann an camara film Analog agus obrachadh ann an Seòmar Dorcha
1 duine£160
Dithis£90 an urra
Triùir£70 an urra

Bùth-obrach 2 latha:

  • Tòiseachadh ri measgachadh dòighean Intaglio – Eitseachadh le sinc agus stuth-blèithte cruaidh agus bog  
1 duine£295
Dithis£165 an urra
Triùir£125 an urra

Tha na bùthan-obrach air an ruith le Nicola Neate, Co-òrdanaichte agus Teicneòlaiche Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmar Dorcha Thaigh Chearsabhaigh. Gus ceann-là a chur air dòigh airson bùth-obrach, no ma tha ceistean agaibh, cuiribh fios gu Nicola aig: nicola@taigh-chearsabhagh.org


Tòiseachadh ann an Eitseachadh, a’ cleachdadh sinc agus stuth-bleithte cruaidh (Bùth-obrach 1 latha) 

Clò-bhualadh dubh is geal, le Nicola Neate
Còir-deilbhe: Nicola Neate

Tha a’ phròiseas eitseachadh intaglio seo a’ cur no a’ sgrìobadh loidhnichean no comharran air uachdar clàr a tha còmhdaichte le stuth-bleithte chruaidh. Tha an clàr an uair sin air a bhogadh ann an stuth Saline Sulphate airson na pìosan meadailt nochdte a chnàmh.  Tha inc ga chur air a’ chlàr an uair sin agus bidh na comharraidhean a’ cumail a-steach an inc.  Tha an clàr ga chur air a’ bheairt-chlò Rochat agus pìos pàipear air a fhliuchadh ga chur air a mhuin.  Tha an clàr air a tharraing tron bheairt Rochat airson clò-bhualadh a thoirt às.

Tha an cùrsa fad latha seo ann an eitseachadh air a chur ri chèile gus do thoirt bhon chiad bheachd agad, gu crìochnachadh pìos clò-bhualaidh.

Ionnsaich na dòighean-obrach bunasach ann a bhith a’ cleachdadh loidhnichean airson comharran a dhèanamh.  


Tòiseachadh ann an Eitseachadh, a’ cleachdadh sinc agus stuth-bleithte bog (bùth-obrach 1 latha)

Dealbh air dithis a' suidhe sa Chafaidh, le taisbeanadh clò-bhualadh air a' bhalla.  Còir-deilbhe: John Kippin
Còir-deilbhe: John Kippin

’S e th’ anns a’ phròiseas eitseachadh intaglio seo, far a bheil loidhnichean no comharran gan dèanamh air clàr a tha còmhdaichte ann an stuth-bleithte bog. Tha an clàr an uair sin air a bhogadh ann an stuth Saline Sulphate airson na pìosan meadailt nochdte a chnàmh. Tha inc ga chur air a’ chlàr an uair sin agus bidh na comharraidhean a’ cumail a-steach an inc. Tha an clàr air a tharraing tron bheairt Rochat airson clò-bhualadh a thoirt às.

Tha an cùrsa fad latha seo ann an eitseachadh air a chur ri chèile gus do thoirt bhon chiad bheachd agad, gu crìochnachadh pìos clò-bhualaidh eitseachadh, a’ dèanamh dearbhadh air dòighean-obrach air comharran a dhèanamh.


Tòiseachadh ri measgachadh dòighean Intaglio – Eitseachadh le sinc agus stuth-blèithte cruaidh agus bog (Bùth-obrach 2 latha)

Dealbh air dithis ag obair san Àite-obrach Clò-bhualaidh. Còir-deilbhe: Rosie Blake.
Còir-deilbhe: Rosie Blake

’S e th’ anns a’ phròiseas eitseachadh intaglio seo, far a bheil loidhnichean no comharran air an dèanamh no air an sgrìobadh air clàr a tha comhdaichte le stuth-bleithte cruaidh agus an uair sin stuth-bleithte bog. Tha an clàr an uair sin air a bhogadh ann an stuth Saline Sulphate.  Tha am bogadh ga dhèanamh aig diofar amannan airson na pìosan meadailt nochte a chnàmh aig diofar ìrean. Tha inc ga chur air a’ chlàr an uair sin agus bidh na comharraidhean a’ cumail a-steach an inc. Tha an clàr air a tharraing tron bheairt Rochat airson clò-bhualadh a thoirt às.

Anns a’ bhùth-obrach fad dà latha seo, bidh sibh a’ measagachadh an dà dhiofar dòigh-obrach – Stuth-bleithte cruaidh agus bog.  Tha a’ bhùth-obrach seo a’ sgrùdadh diofar dhòighean air comharran a dhèanamh.

Tha an cùrsa eitseachadh entaglio seo a chur ri chèile gus do thoirt bhon chiad bheachd agad, gu crìochnachadh pìos clò-bhualaidh eitseachadh, a’ dèanamh dearbhadh air diofar dòighean-obrach airson comharran a dhèanamh.


Tòiseachadh ann am Mono Printing air True-grain (Bùth-obrach 1 latha) 

Còir-deilbhe: Nicola Neate

’S e clò-bhualadh Mono Mono dòigh-obrach air peantadh air gu clàr còmhnard agus tha an dealbh an uair sin air a chlò-bhualadh.  Chan eil ach aon dealbh ga dhèanamh, is mar sin tha am pròiseas seo nas fhaisge air peantach na tha pròiseasan clò-bhualaidh eile.

Bidh True Grain ga chleachdadh sa bhùth-obrach seo.  ’S e film polyester le inneach a tha seo, a tha a’ cumail an dath gu math.


Tòiseachadh ann an camara film Analog agus obair ann an Seòmar Dorcha (Bùth-obrach 1 latha)

Dealbh dubh is geal air geòidh air iteag is sgothan os an cionn.  Còir-deilbhe: Nicola Neate.

’S e cùrsa tòiseachaidh a tha seo ann an dealbhadaireach analog.  Bheir e dhuibh an t-eòlas agus na sgilean airson leigeil leibh obrach leibh fhèin san t-Seòmar Dhorcha ann an Taigh Chearsabhagh.

Feumaidh sibh rolla de dhealbhan a tha sibh air a tharraing mar thà, air film 35mm no 120, a bheir sibh leibh airson leasachadh aig a’ bhùth-obrach seo.

Seallaidh an cùrsa seo dhuibh mar a nì sibh giullachd air an rolla film agaibh.  An uair sin, le na neagataibhean agaibh, gheibh sibh a-mach mar as urrainn dhuibh duilleag den chruinneachadh a chruthachadh, agus taghadh beagan dhealbhan às a sin airson beagan dhealbhan dubh is geal a chlò-bhualadh.


Tha na h-àiteachan-obrach seo a’ cur ris an àrainneachd shònraichte ann an Taigh Chearsabhagh agus tha iad a’ tabhann chothroman airson tabhartas chruthachail coimhearsnachd.  Bidh luchd-ealain a tha ag obair anns na h-àiteachan seo tric ag ainmeachadh am brosnachadh agus fòcas a tha iad a’ faighinn leis a bhith ag obair san togalach thrang, dùthchail, co-aimsireil seo.  Cuiridh Taigh Chearsabhagh fàilte oirbh agus tha sinn an dòchas gun tadhal sibh a dh’aithghearr!

Tha an t-Àite-obrach Clò-bhualaidh air a chur air dòigh airson obair neo-thogsaig, a’ cleachdadh modh-obrach eitseachadh a sheasas ri aicriolaig air beart-chlò Rochat 21” x 40”. 

Tha an Seòmar Dorcha uidheamaichte airson leasachadh is clò-bhualadh ann an riochd beag, meadhanach is mòr.  Tha dà inneal-meudachaidh ann, DeVere 504 agus Durst 670 do Dhathan.