Comann Ealain Uibhist
Stèidhicheadh Comann Ealain Uibhist (UAA) ann an 1989 le buidheann de dhaoine aig an robh ùidh ann am brosnachadh nan ealain ann an Uibhist, eadar luchd-ealain, sgrìobhadairean agus luchd-èisteachd.
Comann Ealain Uibhist (UAA)
Bha UAA cudromach ann an stèidheachadh Taigh-tasgaidh agus Ionad Ealain Taigh Chearsabhagh, agus tha e an sàs fhathast san ionad chliùiteach seo.
Tha UAA an sàs ann am foghlam ealain, taisbeanadh, leasachadh cultarail agus sgrìobhadh cruthachail, agus cuiridh iad an t-slighe stiùidio fhosgailte Ealain air a’ Mhapa air dòigh.
Tha làrach-lìn UAA ann le liosta de luchd-ealain agus luchd-ciùird a tha a’ fuireach agus ag obair ann an Uibhist, le iùl dhan t-slighe stiùidio Ealain air a’ Mhapa.
Tha còrr is 100 ball aig UAA, agus e fosgailte do dhaoine sam bhith leis am bu mhath taic a chur ri ghnìomhan. Chan fheum thu a bhith nad neach-ealain, ach a bhith dealasach mu bhrosnachadh nan ealan ann an Uibhist.
