
Tha prògram nan ealain lèirsinneach aig Taigh Chearsabhagh ga ghleidheadh le Manaidsear nan Ealain againn tro choimiseanan do luchd-ealain, muinntireas agus taisbeanaidhean a’ siubhal. Tha coimiseanan agus muinntireas gam buileachadh le cuireadh no le gairmean air an sanasachadh gu farsaing airson mholaidhean. Tha luchd-ealain di-beathte cuideachd aig àm sam bith gus pròiseactan a bhuineas ann an dòigh chudromach am poileasaidh mu ghleidheadh againn a dheasbad.
Poileasaidh mu Ghleidheadh
Tha Taigh Chearsabhagh a’ gleidheadh, a’ coimiseanadh agus a’ dèanamh phrògraman sna h-ealainean lèirsinneach a tha ag altachadh is a’ sgrùdadh ann an dòighean cudromach, smaoineachail agus ealanta eileamaidean de na cuspairean bunaiteach a leanas:

- An àrainneachd againn
- Cultar is dualchas na Gàidhlig againn
- An rud eile, an rud ris nach eil dùil
- Teicneòlas digiteach is ùr
- Tàlant a’ tighinn am bàrr
Carson a bhios sinn a’ cur taic ri saothair a bhios a’ sealltainn ris an àrainneachd againn?
Tha cruthachadh mothachadh agus ag àrach cùram ri àrainneachd nàdarra bharraichte Innse Gall nan eileamaidean bunaiteach den àite againn mar thosgaire airson nan eilean. Tha am feum a nì sinn de lùth ath-nuadhachail a’ cuideachd gus Uibhist a Tuath a dhèanamh nas seasmhaiche. Tha na taisbeanaidhean is prògraman againn mu chuspairean a bhuineas ris an àrainneachd gan cur ri chèile gus ceangal ri luchd-tadhail agus mothachadh air an àrainneachd a chur air adhart.
Carson a bhios sinn a’ cur taic ri saothair a bhios a’ sealltainn ri cultar is dualchas na Gàidhlig againn?
Tha mothachadh air cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig againn deatamach fhèin gus lèirsinn is tuigse fheumail fhaighinn air na h-eileanan againn agus na daoine a tha a’ fuireach is ag obair an seo. Tha taic ris a’ Ghàidhlig tro na prògraman againn, a bharrachd air ethos is obrachaidhean Thaigh Chearsabhagh mar eileamaid bhunaiteach den phoileasaidh mu ghleidheadh againn.
Carson a bhios sinn a’ cur taic ri saothair a bhios a’ sealltainn ris an rud eile, an rud ris nach eile dùil?
Tha sinn den bheachd gu bheil luchd-èisteachd a’ tadhal air ar cuid ghailearaidhean deiseil airson dùbhlain le stuth smaoineachail air a bheil an coltas an toiseach a bhith gun dùil, nam fiamhachadh no gun a bhith mar ealain. Tha mìneachadh a nì ceangal agus a bhios feumail deatamach mu riochdachadh soirbheachail saothrach a mheasar gu tric a bhith doirbh.
Carson a bhios sinn a’ cur taic ri saothair a bhios a’ sealltainn air teicneòlas digiteach is ùr?
Tha teicneòlas digiteach agus air an Lìon a’ toirt chothroman prìseil do choimhearsnachdan anns na h-eileanan againn crìochan a thaobh astair a bhriseadh sìos, gus cleachdaidhean-obrach nas seasmhaiche a chruthachadh agus a bhith comasach ceangal nas fheàrr a dhèanamh ris an t-saoghal thall thairis. Faodaidh taisbeanaidhean is prògraman cuideachadh gus an dìomhaireachd a thoirt air falbh agus ceangal brìgheil a bhrosnachadh ris an acfhainn is na modhan cumhachdan sin a tha fhathast a’ toirt atharrachaidhean air beatha dhaoine ann an dòighean ùra ris nach eil dùil.
Carson a bhios sinn a’ cur taic ri saothair a bhios a’ sealltainn ri tàlant ùr is a’ tighinn am bàrr?
Tha taic ri tàlant ùr is a’ tighinn am bàrr ann an Uibhist tro na taisbeanaidhean, na prògraman agus na pròiseactan againn mar eileamaid bhunaiteach den àite aig Taigh Chearsabhagh ann a bhith a’ cuideachadh gus coimhearsnachd shoirbheachail sheasmhach de luchd-ealain agus eaconamaidh chruthachail ionadail a leasachadh.