FOCAL: Taic ri luchd-ealain ionadail
Prògram thaisbeanaidhean, thachartasan agus ùine agus ùine air mhuinntireas do luchd-cleachdaidh stèidhichte ann an Uibhist is ann am Barraigh.
Cothrom #1 Focal Point: Prògram leanmhainneach thaisbeanaidhean is thachartasan san taigh-bhidhe agus àiteachan eile seach gailearaidhean ann an Taigh Chearsabhagh. Tha fàilte air saothair de sheòrsa sam bith. Thoiribh iomradh air Focal point ann an ceann a’ chuspair.
Cothrom #2 Buidheann-obrach, Ùine ghoirid air Mhuinntireas agus Òraid: Ùine fad ceithir là air mhuinntireas (air a bheil luach £200) an dara cuid ann an stiùidio a’ chlò no san t-seòmar-dhorcha, le òraid phoblach mun obair agad. Thoiribh iomradh air Ùine air Mhuinntireas ann an ceann a’ chuspair.
Gus iarrtas a dhèanamh cuiribh moladh goirid, an CV agad agus, nuair a tha iomchaidh, stuth-taice (Gun dol thairis air sia ìomhaighean mas e do thoil e) le ceann iomchaidh a’ chuspair gu:
andy@taigh-chearsabhagh.org
Am fios a tha a dhìth ort
- Tha an cothrom seo ann do luchd-ealain a’ fuireach is ag obair ann an Uibhist agus ann am Barraigh agus/no do bhuill Chomann Ealain Uibhist.
- Tha iarrtasan Focal Point gan sgrùdadh le buidheann leanmhainneach anns a bheil riochdairean bho Thaigh Chearsabhagh agus luchd-ealain sa choimhearsnachd ionadail.
- Tha sinn ag iarraidh bheachdan is iarrtasan seach an àbhaist a chuireadh saibhreas, beothalachd agus eugsamhlachd ri prògraman Thaigh Chearsabhagh. Dh’fhaodadh seo (am measg nithean eile) aithrisean, òraidean, co-labhairtean, buidhnean-obrach a ghabhail a-steach.
- Thathar a’ gabhail beachd air iarrtasan do thaisbeanaidhean. Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air molaidhean a dhèanadh feum de dh’àiteachan seach gailearaidhean Thaigh Chearsabhagh agus/no làraichean an taobh a-muigh an togalaich. An taobh a-muigh teirm Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (Iuchar – Lùnastal), faodar Stiùidio 3 a leigeil a-mach. Anns an iarrtas agad, nach innis thu dhuinn càit am faiceadh tu am pròiseact agad ga chumail agus thoir adhbharan carson a tha thu den bheachd gum biodh seo na shuidheachadh iomchaidh.
- Thoir iomradh air a’ cheann-latha a b’ fheàrr leat airson a’ phròiseict/an tachartais agad. Tha seo ann dìreach mar stiùireadh. Ma thèid do thaghadh, thèid ceann-latha aontachadh eadar thu fhèin agus an sgioba-gleidhidh.
- Rachadh an òraid phoblach anns an Ùine Ghoirid air Mhuinntireas (Coingheall gus maoineachadh fhaighinn) a chumail ann an Taigh Chearsabhagh agus mhaireadh i suas ri uair a thìde. Bhiodh an riochd sam biodh i an urra ris an neach-ealain agus air aontachadh ris an sgioba-ghleidhidh.
- Tha Taigh Chearsabhagh a’ toirt ullachadh a-steach gu goireasan stiùidio a’ chlò agus an t-seòmair-dhorcha aig toiseach na h-Ùine air Mhuinntireas, a bharrachd air stuth iomchaidh gus a’ mhuinntireas a thoirt gu buil.
Rachadh maoineachadh air a bhuileachadh air luchd-cleachdaidh mar thaic ri cosgaisean thaisbeanaidhean agus/no thachartasan aontachadh eadar an neach-ealain agus an sgioba-gleidhidh